Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceòl-taice don Phiàno

Cinn-latha: 01/04/19 - 05/04/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ingrid Henderson
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa ùr Ceòl-taice don Phiàno a thabhann am-bliadhna còmhla ris an t-sàr neach-ciùil, Ingrid NicEanruig.

Ionnsaichidh tu air a' chùrsa seo ciamar a bhios tu a' cluich còmhla ri òrain Ghàidhlig agus puirt thraidiseanta gu siùbhlach agus gu misneachail air a’ phiàno.

Bithear an dùil tron t-seachdain grunn phort ionnsachadh ach ’s e Ceòl-taice don phiàno prìomh amas na seachdaine; mar a thèid ceòl a rèiteachadh le diofar stoidhlichean phort agus mar a thèid ceòl a chruthachadh an làrach nam bonn airson a chluich gu misneachail còmhla ri cluicheadairean agus seinneadairean eile. Bidh cothrom agaibh cuideachd ur sgilean ùra a chur gu feum le bhith a’ cluich còmhla ris a’ chùrsa fìdhlearachd.

Tha an cùrsa seo ga theagasg tro bhith ag èisteachd agus gheibhear an ceòl sgrìobhte aig deireadh a’ chùrsa. Bidh cothrom agaibh clàran a dhèanamh aig an deireadh ma thogras sibh. Bidh agaibh ris na meur-chlàir agaibh fhèin a thoirt leibh agus thathar a' sùileachadh gum bi beagan eòlais agaibh air a’ phiàno mar-thà.

Mu dheidhinn Ingrid:

’S ann à Loch Abar a tha Ingrid is i ri teagasg na clàrsaich is a’ phiàno o chionn còrr is fichead bliadhna. Tha Ingrid air a bhith air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail an dà chuid leatha fhèin a’ cluich a cuid phort agus cuide ri còmhlanan Albannach, a leithid Cliar, Glenfinnan Ceilidh Band, Blazin Fiddles agus seinneadairean a leithid Anna Mhàrtainn agus Maighread Stiùbhairt. Tha i a-nis na tidsear aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus na h-òraidiche cuideachd air a’ chùrsa-cheum làn-ùine aig Sabhal Mòr Ostaig, BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Tha companaidh riochdachadh ciùil aice, Old Laundry Productions, a tha stèidhichte ann an Gleann Fhionnainn.

Tha barrachd fios mu Ingrid an seo.