Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Piobaireachd & Drumaireachd fo aois 18

Cinn-latha: 04/07/16 - 08/07/16
Cosgais: £110
Neach-teagaisg: Iain MacFadyen & Andrew MacPherson
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Tha cùrsa pìobaireachd is drumaireachd mar seo air a bhith stèidhichte aig a’ cholaiste fad iomadach bliadhna agus tha iomadh de neach-ciùil as fheàrr an latha an-diugh air a bhith gabhail pàirt tro na bliadhnaichean.  Anns an ùine bhig a dh’fhalbh tha an cùrsa air bhith fo stiùireadh seòlta de sàr phìobaire Iain MacFadyen agus pìobaire agus drumair Sgitheanaich Andrew MacPherson.

’S e leasachadh sgilean pìobaireachd agus drumaireachd a tha an amas den chùrsa seo.  Bhiodh e freagarrachd do dh’oileanach sam bith fo aois 18 aig a bheil sgilean reusanta math air an fheadan ach bhiodh e na b’ fheàrr ma tha iad air bhith cluich a’ phìob airson greis cuideachd.

Air a’ chùrsa ionnsaichidh oileanaich “ceòl beag”: Caismeachdan, Srathan Spè agus Ridhlean còmhla ri còrn-phìob, fuinn Gàidhealach agus puirt-cruinn.  Obraichidh iad cuideachd air “ceòl mòr”: pìobaireachd.

’S e teaghlach ainmeil a th’ aig Iain MacFadyen le ceanglaichean làidir leis na h-Eileanan Siar is bhuannaich Iain agus a bhràithrean na duaisean as cliùitiche ann am pìobaireachd.

’S e neach-ciùil proifeiseanta a th’ ann an Andrew MacPherson.  Tha e air cluich còmhla ri iomadach còmhlan-ciùil, m.e. Deoch ‘n Dorus, Skipinnish agus an Angus Nicolson Trio.  Tha Andrew cleachdte ri cluich anns a stiùidio agus air beulaibh luchd-amhairc agus tha e air a bhith a' cluich ann an iomadh sèisean, còmhlan-ciùil is còmhlan-pìobaireachd. Tha eòlas luachmhor aige ri thoirt dha sgoilearan dhe gach aois is comas, is e air a bhith a' teagasg aig fèisean agus sgoiltean fad bhliadhnaichean.