Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Sar Chlasaichean Rèidio (1)

Cinn-latha: 16/02/13 - 17/02/13
Cosgais: £20 (for both days) (£10 (for both days) do dh'oileanaich)

Clàraich an-dràsta!


‘S e seo a’ chiad de thrì bùithtean-obrach deireadh-seachdaine fosgailte ann an stiùideo uidheamaichte le taic o phroifeiseantaich agus sgioba de luchd cleachdaidh cruthachail.

 

Am bu toigh leat:

  • pàirt a ghabhail ann an clasaichean far an ionnsaich thu sgilean ùra a bheir dhut an comas prògram rèidio a chlàradh?
  • do bheachd airson prògram rèidio a thoirt seachad tòiseach gu crìoch ann an deireadh sheachdain?
  • prògram a chlàradh a thèid a chraoladh air stèisean coimhearsnachd/ Ionadail?

Seo an cùrsa dhutsa ma tha!!!

 

Bidh bùithtean obrach ann an sgilean rèidio leis na proifeiseantaich a leanas:

  • Bùth-obrach sgrìobhadh comadaidh le Rab Christie (Bhon “Comedy Unit”- Glaschu).
  • Bùth-obrach sgrìobhaidh airson preasantadh le Morag Stiùbhart (bho Sealladh – companaidh nam meadhanan).
  • Bùth-obrach sgrìobhadh dràma le Catriona Lexy Chaimbeul (cleasaiche is sgrìobhadair).
  • Bùth-obrach guth le Liz Carruthers (bhon “RCS”).
  • Bùth-obrach air fuaimean ann an Rèidio le Donald Pirie.
  • Bùth-obrach Clàraidh le MG Alba
  • Bùth-obrach Gearraidh le MG Alba

(Gur dòcha gun atharraich iad)

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhaoine nas sine na 16. Bu chòir ùidh aig an luchd-com-pàrtaiche ann an clàradh prògraman Gàidhlig.

Thèid a' chùrsa a theagaisg tro mheadhan na Gàidhlig, ach bi cuid dhe na bùithtean-obrach air a lìbhrigeadh sa Bheurla.
 

Clàr-Ama:
Dihaoine 15mh den Ghearran:

17.00  Dìnnear
20.00  Buidheann dràma SMO ‘Oidhche Chomadaidh’ is seisean san Talla Mhòr. 


Disathairne 16mh den Ghearran:

09.30    Clàradh air a’ chùrsa/ Cofaidh aig Togalach Fàs (SMO)
09.45    Geamaichean agus obair sgiobaidh le Artair Donald
10.30    Tì is Cofaidh is Fois
10.45    Bùth-obrach – fuaimean rèidio le Donald Pirie
12.30    Àm-lòin
13.30    Bùithtean-obrach air sgrìobhadh.  Tagh bho:

  • Dràma le Catriona Lexy Chaimbeul,
  • Preasantadh le Morag Stiùbhart
  • Comadaidh le Rab Christie (Comedy Unit).

15.15    Tì is Cofaidh is Fois
15.30    Bùithtean-obrach Clàraidh is Gearraidh (a’ ruith co-ionnan) le MG Alba.
17.00    Dìnnear
20.00    Cèilidh is Dannsa


Didòmhnaich 17mh den Ghearran:

09.30    Bùth-obrach air guth is gluasad le Liz Carruthers
10.30    Tì is Cofaidh is Fois
10.45    Bùithtean obrach air Sgrìobhadh/ Clàradh   (a’ ruith co-ionnan)
12.30    Àm-lòin
13.00    Clàradh/Sgrìobhadh/Gearradh
14.30    Cofaidh, Ceisteachan is deasbad.
15.15    Deireadh a’ chùrsa