Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Sar Chlasaichean Rèidio (2)

Cinn-latha: 09/03/13 - 10/03/13
Cosgais: £20.00 (for both days) (£10.00 (for both days) do dh'oileanaich)

Clàraich an-dràsta!


‘S e seo an dàrna de thrì bùithtean-obrach deireadh-seachdaine fosgailte ann an stiùideo uidheamaichte le taic o phroifeiseantaich agus sgioba de luchd cleachdaidh cruthachail.  Chan fheumar air a' chiad bùth-obrach a dhèanamh gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo.

Am bu toigh leat:

  •     pàirt a ghabhail ann an clasaichean far an ionnsaich thu sgilean ùra a bheir dhut an comas prògram rèidio a chlàradh?
  •     do bheachd airson prògram rèidio a thoirt seachad tòiseach gu crìoch ann an deireadh sheachdain?
  •     prògram a chlàradh a thèid a chraoladh air stèisean coimhearsnachd/ Ionadail?

Seo an cùrsa dhutsa ma tha!

Bidh bùithtean-obrach ann an sgilean rèidio leis na proifeiseantaich a leanas:

  •     Bùth-obrach sgrìobhadh comadaidh le Niall Clark (Bhon “Comedy Unit”- Glaschu).
  •     Bùth-obrach sgrìobhaidh airson preasantadh le Morag Stiùbhart (bho Sealladh – companaidh nam meadhanan).
  •     Bùth-obrach sgrìobhadh dràma le Catriona Lexy Chaimbeul (cleasaiche is sgrìobhadair).
  •     Bùth-obrach guth le Liz Carruthers (bhon “RCS”).
  •     Bùth-obrach Clàraidh le MG Alba
  •     Bùth-obrach Gearraidh le MG Alba

(Gur dòcha gun atharraich iad)

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhaoine nas sine na 16. Bu chòir ùidh aig an luchd-com-pàrtaiche ann an clàradh prògraman Gàidhlig.

Thèid a' chùrsa a theagaisg tro mheadhan na Gàidhlig, ach bi cuid dhe na bùithtean-obrach air a lìbhrigeadh sa Bheurla.

Clàr-Ama ri thighinn