Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òrain Earra-Ghàidheal, le Joy Dunlop

Cinn-latha: 20/08/18 - 24/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Joy Dunlop
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


www.joydunlop.com

 

Tha Sabhal Mòr Ostaig gu math toilichte gum bi cùrsa ùr eile againn am bliadhna ann am prògram 2018 -  "Òrain Earra-Ghàidheal" le Joy Dunlop.

Thogadh Joy anns A' Choingheil, baile beag ann an sgìre Latharna an taobh iar na Gàidhealtachd, agus tha i air a bhith an sàs ann an ceòl Earra-Ghàidheal bhon a bha i glè òg. Dh'èirich an dàrna clàr aice, "Faileasan", às an t-slighe phearsanta a ghabh Joy is i a' rannsachadh is a' taisbeanadh àilleachd is doimhneachd òrain Ghàidhlig na sgìre dom buin i fhèin.

Bidh an cùrsa a' leantainn na slighe seo, a' toirt a-steach cuid de na h-òrain a lorg Joy nuair a rinn i rannsachadh airson "Faileasan", le ceòl bhon dà chuid tìr-mòr agus eileanan Earra-Ghàidheal.  Bidh na seòrsaichean a leanas gan teagasg air a' chùrsa:-

  • Òrain luadhaidh
  • Puirt-à-beul
  • Òrain ghaoil
  • Òrain mholaidh
  • Òrain aoireil

Aig deireadh na seachdaine bidh oileanaich eòlach air grunn òran agus b' urrainn dhaibh mar chòmhlan roghainn dhiubh a sheinn aig a' chèilidh neo-fhoirmeil oidhche Ardaoin.

Thèid an cùrsa a theagasg tro mheadhan na Beurla agus na Gàidhlig agus mar sin bidh e freagarrach do dhaoine aig a bheil Gàidhlig agus do dhaoine nach eil eòlach air a' chànan idir. Gheibh a h-uile oileanach lethbhreac de na h-òrain air pàipear, ach 's dòcha gum biodh inneal-clàraidh feumail cuideachd nam biodh oileanach sam bith airson òrain a chlàradh. Bidh 18 àitichean ri fhaighinn air a' chùrsa seo.

 

Bhuannaich Joy duaisean "Seinneadair na Bliadhna" agus "Dannsair Traidiseanta" aig an Fhèis Phan-Cheiltich 2015, agus tha i air mòran duaisean seinn is dannsa eile a bhuannachadh cuideachd. Tha i air a bhith air a beò-ghlacadh le ceòl traidiseanta na h-Alba fad a beatha, agus tha i air consartan a dhèanamh air tursan agus aig fèisean Ceilteach mòra air feadh an t-saoghail, anns an Roinn Eòrpa, Canada, an t‑Seapan, agus Sealainn Nuadh.

Chaidh Joy ainmeachadh air geàrr-liosta duais "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2010, 2011 agus 2016, agus choisinn i bonn òir aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus duais òir an "Oban Times". Bidh i a' taisbeanadh ceòl is òrain na Gàidhlig ann an dòigh ùr-nodha ach a tha fhathast a' cumail dlùth ris an dualchas.

Tha Joy gu math toilichte a' chiad chlas aice ann an Òrain Ghàidhlig a theagasg aig an t-Sabhal Mhòr, agus tha fiughair mhòr aice ri dualchas beairteach òrain Earra-Ghàidheal  a cho-roinn le oileanaich a' chùrsa.