Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òrain Ghàidhlig às na h-Eileanan agus a’ Ghaidhealtachd le Christine Primrose

Cinn-latha: 01/04/19 - 05/04/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Christine Primrose
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


www.christineprimrose.com

Air a’ chùrsa-chòmhnaidh  fad 5 latha thèid coimhead  air Òrain Ghàidhlig às na h-Eileanan agus a’ Ghàidhealtachd, gheibh sibh blasad air gràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig agus chì sibh mar a thèid rosg-rannan Gàidhlig a chruthachadh. Nì sibh sgrùdadh air eachdraidh is dualchas nan òran, a thuilleadh air còmhradh air na daoine a rinn iad, an saoghal anns an robh iad beò agus a’ bhuaidh phoilitigeach, shòisealta is chultarail a bh’ air na h-òrain. Le seo, gheibh sibh cothrom coimhead ri òrain a làimhsicheas diofar thèaman, leithid gaol, obair agus na mara.

Tha an cùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith is tha fàilte ro dhuine sam bith, ge brith dè th’ aca de Ghàidhlig agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn! Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.  Tha sibh làn di-beathte innealan-clàraidh a thoirt leibh gus na h-òrain a chlàradh tron t-seachdain.

’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa.  Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Tha Cairistìona air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig còrr is  deich thar fhichead bliadhna agus tha i a-nis a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.  Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018   airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.

Airson beagan a bharrachd fiosrachaidh is cuid de na h-òrain aice a chluinntinn, brùth an seo no thoir sùil air an làrach-lìn aice: www.christineprimrose.com