Òrain Ghàidhlig à Leòdhas le Cairistìona Primrose
Cinn-latha: 01/07/19 - 05/07/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Christine Primrose
Maoineachadh ILA ri fhaighinn:
Chan eil
Clàraich an-dràsta!
![]() |
www.christineprimrose.com |
Anns a’ chùrsa ùr seo, thèid ur treòrachadh leis an t-sàr-sheinneadair, Cairistiona Primrose, tron bheartas mhòr de dh’òrain a tha muinntir Leòdhais air a thoirt dhuinn thar nam bliadhnaichean, suas chun na ficheadamh linne, agus na sgeulachdan, an eachdraidh agus an dualchas a tha co-cheangailte riutha. Thar na seachdain, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean is cuspairean a leanas:
- Puirt-a-beul
- Tàlaidhean
- Òrain-luaidh
- Òrain Ghaoil
- Gaol-dùthcha is Eilthireachd
- Seòladh
- Gnothaichean os-nàdarra
- Obair Mhurchaidh MhicPhàrlain is Uilleim MhicCoinnich
Seach gur ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin, bidh sàr-chothrom aig na h-oileanaich ionnsachadh bho neach aig a bheil dlùth-cheangal pearsanta ris an eilean fhèin is a dhualchas. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighean bheag is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn is ag innse mu cànan is cultar ann an Aimeireagaidh, Canàda, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa. Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba, agus bho chionn ghoirid chaidh a toirt a-steach dhan Scottish Traditional Music Hall of Fame. Tha Cairistìona air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig còrr is deich thar fhichead bliadhna agus tha i a-nis a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Chuir i an clàr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018 airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.