Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seachdain nan Teaghlach 2014

Cinn-latha: 07/07/14 - 11/07/14
Cosgais: £
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Tha a’ Bhuidheann Ath-sgrùdaidh airson Gàidhlig aig Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLADRG) toilichte nochdadh gun tèid tachartas Ionnsachadh Teaghlaich airson theaghlaichean le Gàidhlig a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) san Eilean Sgitheanach air an t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 7mh Iuchar 2014

Tha an tachartas fad-seachdain seo fosgailte do theaghlaichean aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e a’ toirt cothrom do phàrantan aon de chùrsaichean cànain na colaiste a fhrithealadh fhad ’s a tha an cuid-cloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadach cur-seachad spòrs, ealain agus eile (leithid archery agus kayaking) tro mheadhan na Gàidhlig.

Togaidh tachartas na bliadhna seo air na tachartasan soirbheachail a chaidh a chumail thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh agus bidh a’ cholaiste, aon uair eile, air a ghabhail seachad airson an tachartais fad na seachdain. 

An-uiridh ghabh dà-fhichead teaghlach, bho air feadh na Gàidhealtachd, nan Eileanan agus meadhan Alba, an cothrom tighinn a dh’ionnsachadh is a chluiche ann an àrainneachd Ghàidhlig aig a’ cholaiste ann an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus bha iad uile a’ dèanamh moladh mòr air na bhuannaich iad bhon tachartas.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, agus foirm iarrtais, bu chòir do theaghlaichean fios a chur gu Co-òrdanaiche a’ Phròiseict air post-d aig flw.clad@yahoo.co.uk no air am fòn air 0797 273 5413.

Feumar iarrtasan a thilleadh gu Co-òrdanaiche a’ Pròiseict ro 28mh Màrt aig a‘ char as fhaide.

’S ann gann a tha àiteachan agus, mar sin, thathar a’ moladh gun cuir sibh thugainn na foirmean iarrtais cho luath ’s a ghabhas.  Thèid innse do theaghlaichean sa Ghiblean an do shoirbhich leotha len iarrtasan.

Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh le CLADRG agus Bòrd na Gàidhlig agus thathar a’ toirt taing mhòr do Shabhal Mòr Ostaig agus do Chomhairle na Gàidhealtachd airson an taic.