Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sealladh Mara air Òrain Ghàidhlig

Cinn-latha: 07/08/17 - 11/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Margaret Stewart
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Photo above courtesy of Euphoria Photography

 
 
 
Photos courtesy of Margaret Stewart

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid ùr a thabhann am bliadhna leis an t-seinneadair agus eòlaiche cultar, Maighread Stiùbhart.

Tha Maighread a toirt blas na mara chun a chùrsa ùr seo de dh’eachdraidh tro òrain, a rannsachadh an dileab luachmhor a th’againn de dh’òrain Ghàidhlig co-cheangailte ris a mhuir a cheart cho math ri cleachdaidhean agus eachdraidh mharaireachd air Ghàidhealtachd.

Tha e cheart cho dòcha gum bith an cùrsa a' gabhail a-steach cuid de na cuspairean a leanas:-

  • Ainmean àite air oirthìr na Gàidhealtachd
  • Briathrachas co-cheangailte ri bàtaichean agus a togail bhàtaichean
  • A cruinneachadh toradh na mara airson biadh agus baoiteadh
  • An Gniomhachash Iasgach air taobh siar Alba
  • Fionn-Sgeòil agus Òrain mu Chreutairean na mara.
  • Sgeulachdan agus Òrain air Cùl-mhùtairean, Spuinneadairean, Iasgairean, Seòldairean & Eilthirich
  • A Bhirlinn ann an t-sean bhàrdachd molaidh
  • Òrain Iomraidh
  • Òrain Seòlaidh
  • Òrain Cùl Mhùtaireachd
  • Òrain Iasgaireachd / Iasgairean
  • Òrain Clann-nighean an Sgadan
  • An Sgaradh Marachd - Eilthireachd agus Dealachadh
  • Gradh Mara an aghaidh   Beatha air Tìr, Cleamhnas agus Beatha Teaghlaich
  • Tuiridhean Bàthaidh

Bidh turas-rannsachaidh, air falbh bhon Cholaiste, air a chuir air dòigh airson aon là mar phàirt den chùrsa, agus tha e air iarraidh oirbh dèanamh cinnteach gum bith seacaid dìonach, poca-droma beag agus brògan-coiseachd freagarrach agaibh. Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù mìle aig gach neach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.

Bidh a’ chùrsa seo freagarrach do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa Òrain Ghàidhlig is cùisean traidiseanta.  ’S e cùrsa dà chànanach a tha seo le Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh taobh a-staigh na Colaiste is air cuairtean a-muigh cuideachd.

Mu Mhaighread

Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhais, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre fhad's a bha i 'g èirigh suas.  Bha i dèidheil air seinn agus ceòl bho h-òige agus choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993, ann an Àrd Ruighe.  Bhon uair sin, tha a cliù mar sheinneadair air sìor dhol am meud.

Tha fèill mhòr air Maighread mar neach-teagaisg agus 's iomadh seinneadair sean is òg a th' air buannachd fhaighinn às na clasaichean 's na h-òraidean aice aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Scoil Samhraidh Willie Clancy an Èirinn, An Conservatoire Rìoghail ann an Glaschu agus an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil Maighread air a bhith na h-òraidiche tadhalach airson iomadach bliadhna air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl agus òrain a chur gu feum anns a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i 'g obair na h-eòlaiche air òrain Ghàidhlig agus a deasachadh  ainm-lite de na h-òrain a bh'anns na tasglainn aig Sgoil Eòlais na h-Alba agus Cruinneachadh Fear Channaidh.

Tha Maighread cuideachd air mòran a dhèanamh ann an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), còmhla ris a' phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).       

Choisinn Maighread an tiotal "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008 agus bha i na Ceòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2012 far an robh i a' rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri, Aoigheachd agus Fleadhachas, Eilthireachd agus na Fuadaichean agus Linn na Seumasaich. 

Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh air seo.

 

Bidh Maighread cuideachd a' stiùireadh:

'Seallaidhean de Chultair Dùthchasach na Gàidhealtachd'

17 - 21 An Giblean 2017