Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sealladh Mara air Òrain Ghàidhlig - an dàrna tarraing

Cinn-latha: 06/08/18 - 10/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Margaret Stewart
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Photo above courtesy of Euphoria Photography

 
 
 
Photos courtesy of Margaret Stewart

 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa eile a thabhann am bliadhna leis an t-seinneadair agus eòlaiche cultair, Maighread Stiùbhart.

Tha Maighread a’ toirt tuilleadh blas na mara thugainn leis a' chùrsa seo agus cuideachd criomagan de dh’eachdraidh tro na h-òrain, a’ rannsachadh an dìleab luachmhor a th’againn de dh’òrain Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ mhuir a cheart cho math ri cleachdaidhean, agus eachdraidh mharaireachd air a’ Ghàidhealtachd.

Tha an cùrsa freagarrach do dh’oileanaich ùra no do neach a bh' air a’ chùrsa an-uiridh, oir 's e òrain a bharrachd 's na bh' air a’ chiad chùrsa a bhios Maighread a’ teagasg.

Bidh an cùrsa a' gabhail a-steach cuid de na cuspairean a leanas:-

  • Ainmean-àite air oirthir na Gàidhealtachd
  • Briathrachas co-cheangailte ri bàtaichean agus a’ togail bhàtaichean
  • A’ cruinneachadh toradh na mara airson biadh agus baoiteadh
  • An Gnìomhachas Iasgaich air taobh siar Alba
  • Fionn-Sgeòil agus Òrain mu Chreutairean na mara.
  • Sgeulachdan agus Òrain air Cùl-mhùtairean, Spuinneadairean, Iasgairean, Seòladairean & Eilthirich
  • A Bhirlinn ann an t-sean bhàrdachd molaidh
  • Òrain Iomraidh
  • Òrain Sheòlaidh
  • Òrain Iasgaich / Iasgairean
  • Òrain Clann-nighean an Sgadain
  • An Sgaradh Marachd - Eilthireachd agus Dealachadh
  • Gràdh Mara an aghaidh   Beatha air Tìr, Cleamhnas agus Beatha Teaghlaich
  • Tuiridhean Bàthaidh

Dh'fhaodadh gum bi turas-rannsachaidh, air falbh bhon Cholaiste, air a chur air dòigh airson aon là, mar phàirt den chùrsa, agus tha e air iarraidh oirbh dèanamh cinnteach gum bi seacaid dhìonach, poca-droma beag agus brògan-coiseachd freagarrach agaibh. Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù mìle aig gach neach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.

Bidh an cùrsa seo freagarrach do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa òrain Ghàidhlig is cùisean traidiseanta.  ’S e cùrsa dà-chànanach a tha seo le Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh taobh a-staigh na Colaiste is air cuairtean a-muigh cuideachd.