Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seallaidhean de Chultair Dùthchasach na Gàidhealtachd le Maighread Stiùbhairt

Cinn-latha: 17/04/17 - 21/04/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Margaret Stewart
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Above: The Cas-Chrom in use in Skye
Above: Ploughing, Skye
Above:  Skye Crofters
Utensils found in a croft house

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid ùr a thabhann am bliadhna leis an sàr seinneadair Mhaighread Stiùbhart.

Tòisichidh an cùrsa còig là seo le bhith a' mìneachadh Cultar Dùthchasach dha na h-oileanaich agus a toirt dhaibh cothrom a bhith greimeachadh air dualchas so-bheanailteach agus do-bheanailteach.  Bith 'n cùrsa a' suathadh air eachdraidh agus cultar, beatha làitheil, obair mara is talmhainn, teanntachd is tlachd, creideamhan is cleachdaidhean, òrain agus sgeulachdan.

Bidh na cuspairean a leanas a-measg na bhios rim faighinn air a chùrsa:-

  • Taighean còmhnaidh dùthchasach, talamh àiteachais agus ionaltraidh, bailtean geamhraidh agus samhraidh, feamainn agus feamnadh, modhan obrach agus innealan.
  • Obair Làitheil, co-òrdachadh obair, ath-chàireadh droch-bhuil na h-aimsir.
  • An atharrachadh bhon Chlachan gun Chroitearachd, tuathanachas-ainmhidh, modhan obrach agus innealan.
  • Àirighean agus àireachas.
  • Buaidh Eilthireachd agus Fuadachadh
  • Obair an Iasgaich (gu h-àraidh an sgadan), dèanamh bhàtaichean, innealan agus briathrachas.
  • Iasgach ri cladach agus toradh na mara.
  • Connadh - gearradh na mònadh agus a' choille, modhan obrach, innealan agus briathrachas.
  • Biadh agus deoch dùthchasach nan Gàidheil.
  • Ri Tac an Teine - Àirneis agus Aodach, A' Luadhadh 'sa Snìomh, A' Maistreadh 'sa Bleith.  Innealan agus modhan obrach.
  • Òrain, bàrdachd agus fiosrachadh eachdraidheil co-cheangailte ris gach cuspair.

Bidh turas-rannsachaidh, air falbh bhon Cholaiste, air a chuir air dòigh airson aon là mar phàirt den chùrsa, agus tha e air iarraidh oirbh dèanamh cinnteach gum bith seacaid dìonach, poca-droma beag agus brògan-coiseachd freagarrach agaibh. Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù mìle aig gach neach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa. Bidh a’ chùrsa seo freagarrach do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa Òrain Ghàidhlig is cùisean traidiseanta.  ’S e cùrsa dà chànanach a tha seo le Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh taobh a-staigh na Colaiste is air cuairtean a-muigh cuideachd.

Bidh a’ Cholaiste cuideachd a’ ruith cùrsa For-cheum,  MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd a tha a’ dol ann am barrachd doimhneachd air cuid dhe na cuspairean air a bheir Maighread iomradh air.

Mu Mhaighread

Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhais, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre fhad's a bha i 'g èirigh sua.  Bha i dèidheil air seinn agus ceòl bho h-òige agus choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993, ann an Àrd Ruighe.  Bhon uair sin, tha a cliù mar sheinneadair air sìor dhol am meud.

Tha fèill mhòr air Maighread mar neach-teagaisg agus 's iomadh seinneadair sean is òg a th' air buannachd fhaighinn às na clasaichean 's na h-òraidean aice aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Scoil Samhraidh Willie Clancy an Èirinn, An Conservatoire Rìoghail ann an Glaschu agus an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil Maighread air a bhith na h-òraidaiche tadhalach airson iomadach bliadhna air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl. Traidiseanta. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl agus òrain a chur gu feum anns a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i 'g obair na h-eòlaiche air òrain Ghàidhlig agus a deasachadh  ainm-lite de na h-òrain a bh'anns na tasglainn aig Sgoil Eòlais na h-Alba agus Cruinneachadh Fear Channaidh.

Tha Maighread cuideachd air mòran a dhèanamh ann an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), còmhla ris a' phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).       

Choisinn Maighread an tiotal "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008 agus bha i na Ceòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2012 far an robh i a' rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri, Aoigheachd agus Fleadhachas, Eilthireachd agus na Fuadaichean agus Linn na Seumasaich.

Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh air seo agus airson an guth àlainn aice a chluinntinn, faodaidh sibh bruthadh air seo.

Taic le na dealbhan:

  • Ploughing, Skye reproduced by kind permission of Edinburgh Central Library and Am Baile
  • The Cas-Chrom in use in Skye reproduced by kind permission of Mark Butterworth and Am Baile
  • Skye Crofters reproduced by kind permission of Skye & Lochalsh Archive Service and Am Baile
  • Utensils found in a croft house reproduced by kind permission of the Highland Folk Museum and Am Baile

 

Bidh Maighread cuideachd a' stiùireadh:

'Sealladh Mara air Òrain Ghàidhlig’,

07 - 11 An Lùnastal 2017