Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seallaidhean de Chultair Dùthchasach na Gàidhealtachd le Maighread Stiùbhairt

Cinn-latha: 09/04/18 - 13/04/18
Cosgais: £280 (£190 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Margaret Stewart
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Gu h-àrd:  Cas-Chrom ga cleachdadh san Eilean Sgitheanach
Gu h-àrd: Treabhadh, an t-Eilean Sgitheanach
Gu h-àrd:  Croitearan san Eilean Sgitheanach
Uidheamachd a gheibhte ann an taigh-croite

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte fàilte a chur air Maighread Stiùbhart uair eile.

Tòisichidh an cùrsa còig là seo le bhith a' mìneachadh Cultar Dùthchasach dha na h-oileanaich agus a toirt dhaibh cothrom a bhith greimeachadh air dualchas so-bheanailteach agus do-bheanailteach.  Bidh an cùrsa a' suathadh air eachdraidh agus cultar, beatha làitheil, obair mara is talmhainn, teanntachd is tlachd, creideamhan is cleachdaidhean, òrain agus sgeulachdan.

Bidh na cuspairean a leanas am measg na bhios rim faighinn air a’ chùrsa:-

  • Taighean-còmhnaidh dùthchasach, talamh àiteachais agus ionaltraidh, bailtean geamhraidh agus samhraidh, feamainn agus feamnadh, modhan obrach agus innealan.
  • Obair Làitheil agus tràthail, co-òrdachadh obair, ath-chàireadh droch-bhuil na h-aimsir agus a gheamhradh.
  • An atharrachadh bhon Chlachan gun Chroitearachd, tuathanachas-ainmhidh, modhan obrach agus innealan.
  • Àirighean agus àireachas.
  • Buaidh Eilthireachd agus Fuadachadh
  • Obair an Iasgaich (gu h-àraidh an sgadan), dèanamh bhàtaichean, innealan agus briathrachas.
  • Iasgach ri cladach agus toradh na mara.
  • Connadh - gearradh na mònadh agus a' choille, modhan obrach, innealan agus briathrachas.
  • Biadh agus deoch dùthchasach nan Gàidheal.
  • Ri Tac an Teine - Àirneis agus Aodach, a' luadhadh 's a’ snìomh, a' maistreadh 's a’ bleith.  Innealan agus modhan obrach.
  • Òrain agus bàrdachd co-cheangailte ris cuspair a’ chùrsa.

Bidh Murchadh Dòmhnallach agus an t-Àrd Ollamh Ùisdean Cheape a’ co-chuideachadh leis a’ chùrsa seo, Murchadh ri dèanamh ath-ghairm air cuid de chuspairean a’ chùrsa a rèir an eòlais aige fhèin ann an Leòdhas agus Uisdean a’ tarraing air cuspairean a’ chùrsa MSc aig Sabhal Mòr Ostaig agus air an dreuchd a bh’ aige fad iomadh bliadhna ann an Tasglann Nàiseanta na h-Alba.

Bidh turas-rannsachaidh, air falbh bhon Cholaiste, air a chur air dòigh airson aon là mar phàirt den chùrsa, agus tha e air iarraidh oirbh dèanamh cinnteach gum bith seacaid dìonach, poca-droma beag agus brògan-coiseachd freagarrach agaibh. Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù mìle aig gach neach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa. Bidh a’ chùrsa seo freagarrach do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa Òrain Ghàidhlig is cùisean traidiseanta.  ’S e cùrsa dà chànanach a tha seo le Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh taobh a-staigh na Colaiste is air cuairtean a-muigh cuideachd.

Bidh a’ Cholaiste cuideachd a’ ruith cùrsa For-cheum,  MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd a tha a’ dol ann am barrachd doimhneachd air cuid dhe na cuspairean air an toir Maighread iomradh.

Mu Maighread

Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart air croit ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhais agus chaidh a togail ann an coimhearsnachd Gàidhlig.  Mar iomadh neach eile ga ginealach, tha eòlas phrìseil aice air dòigh beatha tradiseanta a tha nise crìonadh gu aithghearr, agus bho h-òige bha e na dhleastanas dhi a bhith a' cuideachadh leis an obair croitearachd agus iasgach mun cuairt air an dachaigh agus anns a’ choimhearsnachd air fad. Ann an 2016 chuir Maighread crìoch air cùrsa MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd ann an Sabhal Mòr Ostaig.

Bha seinn agus bàrdachd mun cuairt air Maighread fhad 's a bha i 'g èirigh suas agus tha i an-diugh ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig. Bhuannaich i Bonn Òir a’ Chomuinn ann a’ 1992 agus chaidh duais Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh orra ann a’ 2012. Tha fèill mhòr air Maighread mar neach-teagaisg agus 's iomadh neach a th' air buannachd fhaighinn às na clasaichean 's na h-òraidean aice tro leasanan prìobhaideach neo aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Scoil Samhraidh Willie Clancy an Èirinn agus mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus An Conservatoire Rìoghail ann an Glaschu. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl a chur gu feum air pròiseact Tobar an Dualchais.

Bha i na Ceòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2012 far an robh i a' rannsachadh eachdraidh agus òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri, Aoigheachd agus Fleadhachas nan Gàidheal, Linn na Seumasaich agus Eilthireachd agus na Fuadaichean

Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh air seo.

Mu Mhurchadh

Bidh Murchadh Dòmhnallach, à Siadar a’ Chladaich, Eilean Leòdhais, a' cur ris a' chùrsa Cultar Dùthchasach le bhith toirt seachad cuid den eòlas fharsaing a th’aige air taigheadas, saoirsainneachd, obair baile, croitearachd, àrach-sprèidh agus gu h-àraidh an t-eòlas a choisinn e na òige air eich-treabhaidh. 

Tha Murchadh cuideachd ainmeal mar fear de na seinneadairean seann-nòis as fheàrr air Ghàidhealtachd agus a bharrachd air an sin tha cliù aige mar chluicheadar melòdean. Tha e air a bhith a’ stiùireadh bhùthan-obrach air òrain agus ceòl traidiseanta aig an taigh agus thall thairis agus tha ùidh shònraichte aige anns na h-òrain aig bàird sgìre àraich.

Mu Ùisdean

Bha Uisdean ag obair fad iomadh bliadhna ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba far an robh e an sàs an dà chuid ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus ann an eachdraidh agus ro-eachdraidh Galldachd na h-Alba. Rinn e sgrùdadh thairis air na bliadhnaichean air pìoban agus ceòl na pìoba gu ìre trachdais agus leabhair. Fhuair e cuireadh bhon t-Sabhal Mhòr cùrsa ùr-fhasanta a stèidheachadh, agus tharraing e brìgh an t-saothair aige ri cùrsa for-cheum a dhealbhachadh agus ri bhith ga libhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.   

Taic le na dealbhan:

  • Ploughing, Skye reproduced by kind permission of Edinburgh Central Library and Am Baile
  • The Cas-Chrom in use in Skye reproduced by kind permission of Mark Butterworth and Am Baile
  • Skye Crofters reproduced by kind permission of Skye & Lochalsh Archive Service and Am Baile
  • Utensils found in a croft house reproduced by kind permission of the Highland Folk Museum and Am Baile

 

<