Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgilean Stiùidio - Riochdachadh Cruthachail le Hector MacInnes

Cinn-latha: 08/07/19 - 12/07/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Hector MacInnes
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Anns a’ chùrsa seo bi sibh gu mòr an sàs ann an stiùidio sònraichte na colaiste, a’ coimhead air na diofar dòighean a bhios ceòl agus fuaim ag obair. Bidh sibh a’ coimhead air ciamar a nì sibh clàradh orra agus ciamar a chleachdas sibh iad gu chruthachail ann an ceòl, ealain co-aoiseach, tagh-cluiche agus bathar dealbhachaidh.     

Cuiridh sibh eòlas air mar a tha stiùidio-clàraidh didseatach an latha an-diugh agus togaidh sibh sgilean bunasach ann a bhith a’ clàradh, a’ cruthachadh, a’ deasachadh is a’ measgachadh ciùil is fuaim. Gheibh sibh cothrom feuchainn ri fear de na diofar sheòrsaichean de dh’fhuaim a riochdachadh, eadar ceòl, dràma rèidio no ealain fuaim.

’S e Hector MacInnes a bhios gur stiùireadh air an turas agaibh tro riochdachadh-ciùil, neach a tha air obrachadh cuide ri còmhlain de gach seòrsa, eadar Dàimh agus Mylo, mar innleadair, riochdaire is neach-ciùil, agus a tha cuideachd air a bhith aig an stiùir air caochladh diofar phròiseactan rèidio, ealan-fuaime is pod-chraolaidh.

Chan fheum eòlas a bhith agaibh ro-làimh.

Chan eil beàrnan ann ach airson 8ar - glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràst!