Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich

Cinn-latha: 14/08/17 - 18/08/17
Cosgais: £250.00 (£175.00 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Decker Forrest, Angus Nicolson, Iain MacFadyn & Hugh Cheape
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Angus MacKay, Raasay

 

Taigh a’ Phìobaire – The Piper’s House, Raasay

 

Dr Decker Forrest

 

Prof Hugh Cheape

Tha e toirt làn-thoileachas dhuinn gun tèid Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich a chur ri prògram nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2017.

'S e cothrom gu tur ùr a tha ann an Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich. Chuir am pìobaire is sgoilear cliùiteach an t-Ollamh Decker Forrest an cùrsa seo air bhonn. Tha e na amas don Sgoil Phìobaireachd gum faigh oileanaich teagasg  air leth feumail ann an sgilean pìobaireachd bho phìobairean ainmeil an latha an-diugh ann an dachaigh eachdraidheil pìobaireachd an Eilein Sgitheanaich.

Air a shuidheachadh air làrach àlainn Sabhal Mòr Ostaig, bidh an Sgoil Phìobaireachd a' dèanamh  feum den ionad shònraichte airson cuspairean co-cheangailte ri eachdraidh pìobaireachd an Eilein a theagasg, le òraid feasgar ann agus, ann am meadhan na seachdaine, turas gu àite le ceangal dlùth ris a’ chuspair shònraichte a bheir piobrachadh dhan a h-uile duine thèid ann. Chan eil cothrom a leithid seo aig sgoil phìobaireachd eile san t-saoghal!

Sa chiad bhliadhna seo, 's e an cuspair Clann ‘Ic Ruairidh:  Clann MhicAoidh Ratharsair. Thèid sinn air chuairt gu eilean Ratharsair agus gheibh Oileanaich air a’ chùrsa cothrom a thadhal air “Taigh a’ Phìobaire”, an dachaigh a bh' aig Iain MacAoidh a thug a chuid eòlais do dh'iomadh pìobaire ealanta, comasach thar nan linn. Tha pìos an seo a sgrìobh an t-Ollamh Decker Forrest is an t-Àrd-ollamh Ùisdean Cheape.

Tha an Sgoil Phìobaireachd stèidhichte air teagasg ann am buidhnean aig dà ìre a chleachdas cuspairean sònraichte mar dhòighean air leudachadh air sgilean pìobaireachd,  's e sin:

  • dòigh-chluich
  • ceòlmhorachd
  • sgilean-cluiche
  • fuaimneachd

Thèid amasan nan clasaichean sin dhealbh a thaobh feumalachdan nan oileanach anns gach clas agus cuideachd bidh ùine aghaidh-ri-aghaidh ann airson dèiligeadh ri feumalachdan sònraichte aig gach oileanach. A bharrachd air an teagasg sa chlas, thèid rudan àraid a chur air dòigh, mar òraid, tadhal air taigh-seinnse far a bheil ceòl beò ga chluich, pìobaireachd ann an suidheachadh poblach le pìobaire ainmeil agus sgrìob le ceangal ri cuspair na bliadhna.  Bheir sin cothrom do na h-oileanaich tuilleadh den Eilean fhaicinn agus àiteachean a tha cuideachd a' ceangal ceòl, eachdraidh pìobaireachd agus àiteachean le ceangal sònraichte ri pìobaireachd ri chèile.

Thèid oidhche cèilidh le bàr fosgailte a chumail aig a’ Cholaiste air an oidhche mu dheireadh agus an luchd-teagaisg is na h-oileanaich a’ cluich ann an suidheachadh mì-fhoirmeil.

Tha an Sgoil Phìobaireachd ag amas air pìobairean den a h-uile seòrsa comais ach a bhios comasach air sreath de Cheòl Beag a chluich agus aig a bheil co-dhiù tuigse bhunasach air Ceòl Mòr.

Luchd-teagaisg na Sgoil Pìobaireachd 2017