Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

SMO @ Fèis nam Beann 2018

 

Gàidhlig do Luchd nam Beann

Dihaoine 23mh An Gearran

10.30-12.00 & 13.30-15.00

£10 gach neach, gach seisean

Seòmar F1, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar, An Gearasdan

 

  • An toigh leat coiseachd anns na beanntan no an e neach-sreap a th’ annad? 
  • A bheil thu a’ tuigsinn an diofair eadar beinn, càrn, sgùrr, stob, druim no aonach? 
  • Dè tha Beinn Nibheis, An t-Aonach Eagach, Blà Bheinn, An Teallach no Buachaille Eite Mòr a’ ciallachadh? 
  • A bheil e doirbh dhut ainmean bheanntan no ainmean àiteachan fhuaimneachadh?
  • Am bu toigh leat a bhith na b’ eòlaiche air na h-ainmean seo, air na tha iad a’ ciallachadh agus ciamar a bu chòir dhut am fuaimneachadh?

Aig Fèis nam Beann anns a’ Ghearasdan, bidh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig a tha stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach, a’ tairgsinn dà sheisean Gàidhlig do luchd nam beann/luchd-sreap a bhios a’ coimhead air ainmean bheanntan agus ainmean àiteachan.

’S e Janni Diez an neach-oide airson nan seiseanan seo. Tha Janni ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig mar Oifigear Leasachaidh Cànain agus is fìor thoigh leatha a bhith a’ coiseachd agus a’ streap anns na beanntan, mar sin, tha mion-eòlas aice air eachdraidh Gàidhlig na h-Alba, ainmean-àite agus cùisean co-cheangailte ri sreap nam beanntan.

Tha beàrnan ann airson suas ri 25 gach neach anns gach seisean.  Cuir post-d no cuir fòn ri Sgioba nan Cùrsaichean Goirid (01471 888 240/246) gus àite a ghlèidheadh.  Faodar nochdadh air an latha, ach chan urrainn dhuinn àite a ghealltainn dhuibh.  Bidh cosgais de £10 airson gach neach, gach seisean agus faodar seo a phàigheadh air an latha.   Tha fàilte romhaibh uile!

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Fhèis, faodaidh sibh tadhal air an làrach-lìn aca: www.mountainfestival.co.uk/