Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

CG Deireadh-Seachdain 2019

   

 

Tha sgioba nan Cùrsaichean Goirid fìor thoilichte a bhith a' sgaoileadh naidheachd mu Chùrsaichean Goirid Deireadh-Seachdain a thathar a' tabhann am-bliadhna. Tha sinn air trì cùrsaichean sònraichte a dhealbhadh – Fìdhlearachd agus Dannsa Ceum, a bhios a’ dol anns a’ Mhàrt, Gàidhlig air a' Bhlàr a-muigh sa Chèitean agus Blasad Samhraidh le clasaichean seinn, ionnstramaidean ciùil agus Gàidhlig aig deireadh a’ Chèitein/ toiseach an Ògmhios.

Anns na cùrsaichean seo, gheibh thu na h-aon chothroman a bhios ann air na cùrsaichean seachdaineach againn, far an urrainn dhut do chuid eòlais a leasachadh agus sgilean ùra ionnsachadh leis na h-oidean sgileil againn, ann an àrainneachd far a bheil cultar agus cànan aig cridhe na Colaiste.

Thugainn! Gabh an cothrom pàirt a ghabhail ann an deireadh-seachdain air leth a bhios làn ciùil, seinn, dannsa agus craic – chan eil àite sam bith anns an t-saoghal coltach ris!

Ma tha ùidh agaibh anns na cùrsaichean againn, tha sinn a' moladh gun clàraich sibh gus ur n-àite a ghleidheadh.  Aon uair 's a tha cùrsaichean làn, thèid an clàradh a dhùnadh - ach bidh sinn toilichte ur n-ainm a chur ri liosta-feitheimh.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240/246 no air post-d.

Bidh sinn a' co-obrachadh gu dlùth le buidheann ionadail Seall, a th' air a bhith a' brosnachadh nan ealan is ciùil traidiseanta san sgìre bho chaidh a chur air chois ann an 1991. Airson barrachd fios mu dheidhinn nan cuirmean-ciùil a bhios an seo san àm ri teachd, thoiribh sùil air a' chlàr-ama aca an seo.

Brùth air na ceanglaichean gu h-ìosal gus barrachd fios fhaighinn air na cùrsaichean deireadh-seachdain againn -

 

Cinn-là is Cùrsaichean

 

01 - 02 An t-Ògmhios

Blasad Samhraidh - Deireadh-Seachdain Samhraidh

 

Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an t-siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 246 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk.