Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dannsa Ceum le Nic Gareiss

Cinn-latha: 08/04/19 - 12/04/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Nic Gareiss
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Dannsa Ceum le Nic Gareiss – Treepling

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte gum bith Nic Gareiss - an sàr dannsadair ceum - mar phàrt den phrògram cùrsaichean goirid ann an 2019.

Dealbh le: Michael Erlewine
 

Anns a’ chaibideil mu dheireadh dhen leabhar 'Traditional Dancing in Scotland', a chaidh sgrìobhadh leis an luchd-cruinneachaidh Joan agus Tom Flett ann an 1964, tha iomradh air “the art of treepling”. Nuair a chaidh an leabhar seo fhoillseachadh cha robh an nòs sin air a bheil ‘treepling’ – 's e sin bualadh ruitheam a' chiùil leis na casan - cho aithnichte ann an dannsa Albannach tuilleadh agus cha mhòr nach robh e air a dhol a-mach à bith (Flett agus Flett, 1964 t.d.260).

Anns an latha an-diugh, tha dannsa-ceum ann an Alba a’ dol am meud is a' sgaoileadh gu mòr, air sgàth buaidh muinntir Cheap Breatainn gu h-àraid is iad air tighinn a dh'Alba thar nam bliadhnaichean. Tha fèill mhòr air dannsa-ceum, agus mar sin dheth tha e cudromach anns a’ chùrsa seo gum bithear a' coimhead air eisimpleirean eachdraidheil de dhannsa.

Bithear a’ coimhead air an obair bhunasaich a rinn Flett is Flett, tro mhion-sgrùdadh agus le bhith a’ dannsa agus ag ionnsachadh cuid dhe na steapaichean a chaidh sgrìobhadh san rannsachadh aca bho 1964. Bithear a’ coimhead air na h-adhbharan crìonaidh air cùl ‘treepling’ airson cruth an dannsa atharrachadh agus ga dhèanamh às ùr mar cheòl is dannsa traidiseanta à Alba agus thall thairis. Bidh seo a’ toirt a-steach ionnsachadh air dannsa-ruitheamach às àiteachan eile far a bheil ‘treepling’ ga lorg, a leithid Èirinn, Canada agus Appalachia.

  • Tha an cùrsa seo iomchaidh do dhannsairean aig a bheil beagan eòlais air dannsa-ruitheamach mar-thà, a leithid dannsa ann an stoidhlichean Èireannach, Clog, Tap, Flamenco, Ceap Breatannach agus eile.
  • Feumar a bhith nas sine na 16 bliadhna a dh'aois airson an cùrsa seo a fhrithealadh.

Chan eil beàrnan ann ach airson 12 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

Nic Gareiss

Tha an dannsair agus neach-rannsachaidh Nic Gareiss air ath-dhealbhadh is ath-leasachadh a dhèanamh air gluasad mar nòs ceòlmhor, agus tha e ga dhèanamh nas tarraingiche airson an dà chuid, èisteachd ris agus a choimhead. 'S ann à Michigan a tha e bho thùs agus eòlas farsaing aige air iomadh dòigh thraidiseanta de dhannsa-ruitheamach, a’ toirt dhuinn dòigh-dannsa anns a bheil ùidh aige fhèin airson dannsa a dhealbhadh an làrach nam bonn, briathrachas traidiseanta dannsa-ceum agus com-pàirteachadh ceòlmhor. Tha e air a chuid sgilean dannsa a thaisbeanadh ann an còig dùthchannan deug fad còrr is deich bliadhna a-nis, còmhla ri sàr luchd-ciùil traidiseanta, a leithid nam fìdhlearan, Alasdair Friseal, Bruce Molsky, Frankie Gavin, Darol Anger agus Liz Carrol, a' chluicheadair blues chliùiteach, Phil Wiggins, a' chluicheadair giotàr, Bill Frisell agus chòmhlanan-ciùil, a leithid Genticorum, Le Vent du Nord, The Gloaming, agus The Chieftains. Bha Nic na oileanach aig Oilthigh Central Michigan far an do choisinn e ceum ann an Daon-eòlas is Ceòl agus aig Oilthigh Luimneach far an do rinn e ceum MA ann an Ethnochoreology. Tha barrachd fios ri fhaighinn air Nic air an làraich-lìn aige www.nicgareiss.com

 

                Irish Times - “the human epitome of the unbearable lightness of being,” 

 

                                  Boston Herald - "the most inventive and expressive step dancer on the scene”