Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òrain is Sgeulachdan mu Nithean Òs-Nàdarra

Cinn-latha: 29/07/19 - 02/08/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Dealbh turasichean calanais

Picture of Mermaid

Picture of stream

 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid ùr a thabhann am-bliadhna leis an t-seinneadair agus eòlaiche cultair, Maighread Stiùbhart, agus an cùrsa co-cheangailte ri aon de na pròiseactan rannsachaidh inntinneach aice, ‘Òrain is Sgeulachdan mu Nithean Òs-Nàdarra’.

Tha dualchas prìseil againn de dh’òrain, de cheòl agus de sheanchas air Gàidhealtachd na h-Alba a tha taisbeanadh a' chreideimh làidir a bh’ aig na daoine ann an nithean òs-nàdarra agus anns an t-saoghal ri teachd. Tha iad a’ togail fianais air an dòigh anns an robh daoine a' cleachdadh an cuid mac-meanmna agus mar a bha iad a’ cnuasachadh air tachartasan àraid, air bàs, air nithean neònach nach gabhadh mìneachadh, air cruthan àraid agus fuaimean annasach san tìr mun cuairt, gu h-àraidh anns an dubh-dhorchadas is mar sin air adhart.

Bha na creideamhan sin a' sealltainn nan caochladh chultaran a th’ air cur ris an dualchas againn fhìn thairis air na linntean, gu sònraichte na sgeulachdan, na h-òrain, an gnàth-sheanchas agus ainmean-àite co-cheangailte ri òs-nàdar a tha sinn air glèidheadh bho ar sinnsireachd Chruithneach, Cheilteach agus Lochlannach.

Anns a' chùrsa seo, thèid Maighread tro chuid de na cuspairean a leanas ann an cruth òrain agus sgeulachd:

  • Còmhlachadh nan sìthichean,
  • tàcharain,
  • cumhachdan sònraichte air am buileachadh leis na sìthichean, 
  • geasan,
  • taibhsean,
  • bòcain,
  • leannain sìth,
  • maighdeannan-mara,
  • tobraichean-leigheis,
  • eich-uisge,
  • euchdan os-daonna
  • sgeulachdan rabhaidh

Bidh i cuideachd a' suathadh ri beagan cultar dùthchasach co-cheangailte ri òs-nàdar, mar ainmean-àite, àiteachan sònraichte agus fuighill. Bidh an cùrsa seo freagarrach do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre, dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa òrain Ghàidhlig is chùisean traidiseanta.  ’S e cùrsa dà-chànanach a tha seo le Gàidhlig is Beurla air an cleachdadh taobh a-staigh na Colaiste.

Mu Mhaighread

Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, Eilean Leòdhais, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre fhad 's a bha i 'g èirigh suas.  Bha i dèidheil air seinn agus ceòl bho h-òige agus choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993, ann an Àrd Ruighe. Bhon uair sin, tha a cliù mar sheinneadair air sìor-dhol am meud.

Choisinn Maighread an tiotal "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008 agus bha i na Ceòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2012, far an robh i a' rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri, Aoigheachd agus Fleadhachas, Eilthireachd agus na Fuadaichean agus Linn nan Seumasach.

Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh http://www.margaretstewart.com/.