Ciamar a nithear iarrtas
Chan urrainnear ach aona chùrsa a dhèanamh tron t-seachdain.
Feumaidh gach duine cunntas-clàraidh fa-leth a chleachdadh. Chan urrainnear barrachd air aon a chlàradh leis an aon chunntas.
Airson iarrtas a dhèanamh, leanaibh na ceanglaichean "Cùrsaichean na Càisge" no "Cùrsaichean an t-Samhraidh" mar a tha iomchaidh airson a' chùrsa a tha sibh ag iarraidh, agus brùthaibh air "Clàraich an-dràsta".
Oileanaich Ùra
Mura h-eil sibh air siostam clàraidh OGE a chleachdadh roimhe, bidh agaibh ri cùnntas a chruthachadh le bhith a’ bruthadh air a’ phutan "Create Account" - lìonaibh an t-iarrtas gus an tig sibh dhan deireadh, agus brùthaibh air ‘Submit’.
Oileanaich Leantainneach
Ma tha cuimhne agaibh air ur n-ainm-clàraichte is facal-faire bho sheann iarrtas, lìonaibh am foirm mar a tha iomchaidh is brùthaibh air ‘Login’. Bu chòir gum bi ur cuid fiosrachaidh ann, dèanaibh cinnteach gu bheil e uile ceart is lìonaibh an t-iarrtas gus an tig sibh chun an deiridh is brùthaibh air ‘Submit’.
Sàbhail/Cuir
Faodaidh sibh iarrtas neo-chrìochnaichte a shàbhaladh airson a chrìochnachadh nas anmoiche. Airson tilleadh dhan iarrtas, leanaibh an ceangal seo:-
https://www.studentjourney.uhi.ac.uk/urd/sits.urd/run/siw_lgn
ach, bithibh mothachail nach làimhsich sinne an t-iarrtas gus am brùthaibh sibh air "Submit".
Dearbhadh
Às dèidh brùthadh air "Submit", ma tha an seòladh puist-d ceart san t-siostam, gheibhear post-d air ais sa bhad ag ràdh gun deach an t-iarrtas troimhe. Mura faigh sibh post-d, dèanaibh cinnteach nach eil e sa phasgan "junk mail/spam" agaibh agus cuiribh an seòladh puist-d againn sa liosta "safe senders" agaibh. Mura h-eil e sa "Junk mail", cleachd an ceangal gu h-àrd is dèanaibh cinnteach gun do chuir sibh an t-iarrtas thugainn leis a' phutan "Submit" 's nach do shàbhail sibh e airson a chrìochnachadh nas anmoiche.
Cuiridh cuideigin bhon Sgioba againn fios thugaibh an ceann 3 làithean-obrach, a’ dearbhadh gu bheil àite agaibh air a’ chùrsa is àite-fuirich (mas iomchaidh) agus mar a dh’fhaodas sibh na cìsean agaibh a phàigheadh. A-rithist, mura faigh sibh post-d, dèanaibh cinnteach nach eil e sa phasgan "junk mail/spam" agaibh. Mura h-eil, leigibh fios thugainn.
Buidhnean / Càirdean-siubhail
Ma bhios sibh a' tighinn dhan Cholaiste mar pàirt de bhuidheann agus ma bhios sibh uile a' dèanamh cùrsa, feumaidh gach duine iarrtas a dhèanamh air a cheann fhèin le cunntas aca fhèin. Chan eil e comasach barrachd air aon duine a chlàradh air cùrsa leis an aon chunntas, ach faodaidh sibh an aon seòladh puist‑d a chleachdadh sa roinn "Address" airson conaltraidh, mar eisimpleir, airson buidheann teaghlaich.
Ma bhios sibh a' tighinn còmhla ri cuideigin nach eil a' dèanamh cùrsa ach a bhios a' cleachdadh an t-seòmair agaibh, chan fheumar iarrtas fa-leth a dhèanamh airson ur caraid, agus faodaidh sibh am fiosrachadh a chur leis an iarrtas agaibh fhèin sa roinn "accommodation". Ma bhios ur caraid an rùn cùrsa a dhèanamh cuideachd, feumar iarrtas fa-leth.
Duilgheadasan Teicneolais
Airson duilgheadasan le clàradh dhan t-siostam, air neo le facail-faire, cuir fios dhan Helpdesk OGE:
01463 279150 (+44 1463 279 150 bho thall thairis)
Tha sinn mothachail nach eil Apple Safari ag obair gu math le cuid de na siostaman againn, agus mholadh sinn gun cleachd sibh browser eile.