Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

A' Teagasg Dràma tron Ghàidhlig

Cinn-latha: 05/08/13 - 09/08/13
Cosgais: £475 All inclusive (£475 All inclusive do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: To be announced in early 2013
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Cìs a' chùrsa: £475 Bidh seòmar-cadail is biadh ann airson 5 oidhcheannan mar phàirt den chosgais seo


Cruth a' Chùrsa

Anns a' chùrsa seo bithear an sàs ann an sreath de bhùithtean-obrach is chòmhraidhean cuide ri luchd-teagaisg bhon RCS, agus an cleasaiche is stiùiriche, Artair Donald, aig a bheil a' Ghàidhlig.

Bidh muinntir a' chùrsa ag obair nan aonar is ann am buidhnean airson cleachdadh na Gàidhlig ann an teagasg dràma a sgrùdadh. Bithear a' sgrùdadh dhòighean cleasachd an gnìomh agus thèid iarraidh air na h-oileanaich dòighean teagaisg is dràma ùr-nodha na Gàidhlig a chur an sàs gu cruthachail.

Tha an cùrsa airson deasbad a bhrosnachadh air àite na Gàidhlig ann an dràma na h-Alba is ciamar a thèid a leasachadh san àm ri teachd.

Tha an cùrsa freagarrach do luchd dràma aig a bheil Gàidhlig agus gheibh a h-uile duine cothrom air rudan ùra a rannsachadh is ionnsachadh ann an dòigh chuideachail is thaiceil.

'€œ'€™S e cùrsa luachmhor agus dùbhlanach a tha seo bho shealladh pearsanta agus bho shealladh an tidseir. Bha an luchd-teagaisg fìor mhath agus glè thaiceil, is thug iad dhuinn a' mhisneachd a leigeadh leinn obrachadh còmhla agus na sgilean againn a leasachadh.'€  Oileanach air cùrsa samhraidh 2010

Amasan a' Chùrsa

Chaidh an cùrsa 5 làithean seo a dhealbh do luchd dràma na Gàidhlig a tha airson na sgilean teagaisg aca a leasachadh.  Bhiodh e feumail do dhaoine a tha ag iarraidh cothrom air barrachd trèanaidh a dhèanamh no dreuchd fhaighinn sa ghnìomhachas seo.
Ro dheireadh a' chùrsa bithear air:

  •     barrachd eòlais fhaighinn air dràma ùr-nodha na Gàidhlig
  •     dòighean-teagaisg sgilean dràma a sgrùdadh
  •     cothrom fhaighinn air obair chruthachail sa Ghàidhlig
  •     àite na Gàidhlig ann an dràma na h-Alba a dheasbad

Àite: Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

Bu chòir do dh'€™oileanaich a bhith aig a' Cholaiste feasgar Didòmnhnaich mus tòisich an cùrsa Diluain.

Stiùirichean a' Chùrsa

Artair Donald

Chaidh Artair a thogail ann an eilean àlainn Thiriodh agus tha e air a bhith na chleasaiche proifeiseanta fad 20 bliadhna, air an rèidio, an àrd-ùrlar, telebhisean agus film. '€˜S aithne do mhòran e mar Choinneach anns an t-sreath Ghàidhlig, Machair, anns an robh e fad 8 bliadhna. O chionn ghoirid tha e air a bhith an sàs le Cartoon Theatre, a' siubhal air feadh Alba, agus cuideachd ann an Rab C. Nesbitt agus Eilbheas (BBC Alba).

Tha Artair na Stiùiriche Ealain anns na sgoiltean samhraidh Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal agus tha e a' stiùireadh buidheann dràma Gàidhlig do dh'€™òigridh ann an Glaschu cuideachd.

 

Tuilleadh Fiosrachaidh

  • Thèid an cùrsa seo a theagasg tron Ghàidhlig is tron Bheurla agus gheibhear cothrom air Gàidhlig a chleachdadh anns na h-eacarsaichean.
  • Tha cothrom ann gum bi taic airgid ri fhaotainn airson a' chùrsa seo. Bidh barrachd fiosrachaidh againn a dh'€™aithghearr air an seo.
  • Gheibh muinntir a' chùrsa fios air na dh'€™fheumar leughadh airson a' chùrsa mu mhìos mus tòisich e.  Feumaidh oileanaich an lethbhreacan fhèin a cheannach de theacsaichean a' chùrsa.
  • Feumaidh oileanaich aodach freagarrach cofhurtail a chòmhdaicheas an com a chosg agus feumar obrachadh cas-rùisgte ma thèid iarraidh orra.
  • Feumaidh oileanaich uisge a thoirt leotha oir bithear a' cosg mòran neirt sa chùrsa seo.
  • Bu chòir do dh'€™oileanaich pàipear is peann a thoirt leotha airson nòtaichean a chumail anns na clasaichean.

An Cùrsa Agaibhse

Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba air plana lèirsinneach aontachadh airson cothroman agus tàlant ann am foghlam agus anns na h-ealain a bhrosnachadh. Tha ùidh agus eòlas aca air foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh agus a rannsachadh, agus thathar a' moladh gun tèid prògram eòlais chruthachail a dhealbh airson cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh le dràma.

Tha an sgoil shamhraidh seo air tè de na ciad iomairtean eatarra is i a' cleachdadh feartan ionnsachaidh is teagaisg an dà ionaid airson ealain is cultar na Gàidhlig a neartachadh.

Tha Sabhal Mòr Ostaig agus an Conservatoire airson adhartas is slighean tro fhoghlam aig an treas ìre ann an Gàidhlig is dràma a leasachadh, agus ag obrachadh còmhla airson drochaid a thogail eadar foghlam agus an gnìomhachas.

Tha Meòrachan Co-obrachaidh ann eadar an dà ionad airson an càirdeas maireannach agus na dùilean aig an dà ionad a dhaingneachadh.

 

Ma tha ceist sam bith eile agaibh air cruth a' chùrsa-samhraidh seo nach cuir sibh fios do Sgioba nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig air +44 (0)1471 888 437/242 no air post-d cg.smo@uhi.ac.uk no do Chonservatoire Rìoghail na h-Alba air +44 (0)141 332 4101 no air post-d shortcourses@rcs.ac.uk.