Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Na Daoine agus an t-Eilean (Eachdraidh an Eilein)

Cinn-latha: 21/07/14 - 25/07/14
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Tormod Dòmhnallach & Cailean MacGhilleathain

Clàraich an-dràsta!


Na Daoine agus an t-Eilean

Tha an t-Eilean Sgitheanach na àite beòthail agus feartach. Tha a chàileachd a’ tighinn bhon liuthad snàithlean a tha air a chruthachadh. Se prìomh rùin na Cùrsa seo, na h-eilmintean sin a mhìneachadh agus na tha iad air a thoirt dhuinn a thomhas.  Tha e na amas aig a’ Chùrsa na dorsan fhosgladh dha na seòmraichean anns a bheil muinntir an Eilein a’ tàmh agus às an do dh’fhàs an cultar agus an comann sòisealta.  Tha mar a tha an sluagh sin air an t-Eilean a chruthachadh na nì co-thoinnte mum bì sinn airson ionnsachadh bho dhaoine a tha air a bhi a’ tuineachadh san Eilein airson iomadh bliadhna.  Ma dh’fhaoidte gum faiceadh sgoilear na streafain sin a th’air a bhi air an toinneamh còmhla mar ar càbal, ar ròp, ar snàithlean agus ar snàth, mar nithean a tha airidh air sgrùdadh a bheireamaid fada nas doimhne na na rudan a chì an t-sùil. Agus, ‘s ann air sàillaibh gu bheil iadsan a bhios a’ lìbhrigeadh na Cùrsa ùr-ghnàthaichte seo air beachdachadh  mu dhualchas nan Sgiathanach, agus mum beul-aithris, an cànain, agus gach obair agus spàirn a choinnich riutha, a tha iad air an cuid eòlais ann am foghlam eitneòlas, eachdraidh, croitearachd air an Eilein, eòlas-tìre chultarail agus cultaran traidiseanta na coimhearsnachd a tharraing ri chèile gus an Cùrsa seo a thabhann. Tha e iomchaidh cuideachd gun coimheadair air mar a tha luchd-togail-dhealbh troimh nan lìnntean air blàr a-muigh an Eilein a chleachdadh.

Tha an dìthis a bhios a’ toirt thugaibh na Cùrsa seo làn-uidheamaichte ann am foghlam Oilthaighean ann an eachdraidh agus cruinn-tìre agus, eatarra, tha iad air mu 75 bliadhna a chuir seachad a’ fuireach air an Eilein. Thèid an obair a nì Tormod Dòmhnallach agus Cailean MacGhilleathain còmhla ruibh a neartachadh le daoine a tha fhathast a’ cumail ri traidiseanan dualchasach an eilein.