Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ukukele le Finlay Allison

Cinn-latha: 05/08/19 - 09/08/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Finlay Allison
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 
 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth thoilichte an cùrsa ùr Ukulele le Finlay Allison a thabhainn am bliadhna!

Tha fèill mhòr air an ukulele agus 's ann a' sìor-dhol am meud a tha an fhèill oirre. Thathar a’ sùileachadh gum bi beagan eòlais agad mar-thà air an ukulele airson a’ chùrsa seo leis gu bheil e ag amas air cluicheadairean eadar ìrean tòiseachaidh is eadar-mheadhanach. Bithear gad dheisealachadh air a’ chùrsa airson cluich air an àrd-ùrlar le sùrd is spionnadh, is a’ toirt dhut na sgilean a leigeas leat adhartas a dhèanamh agus bithear gad bhrosnachadh gus dùbhlanan ùra a chur romhad. Bidh cothrom agaibh ceòl dùthchasach, jazz, pop, rock is eile a chluich, cho math ri òrain le The Beatles is Chuck Berry. Bithear ag ionnsachadh dhòighean-cluiche, piocadh, ceòl sgrìobhte, chòrdan atharraichte agus tòrr a bharrachd!

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhaoine a tha aig toiseach an slighe leis an ukulele agus a tha airson an cuid sgilean a leasachadh cho math 's a ghabhas agus an tuigse is tlachd às an ionnsramaid a thoirt am feabhas. Is cinnteach gum bi deagh sheachdain làn ionnsachaidh agus fealla-dhà agaibh!

Chan eil beàrnan ann ach airson 12 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

 

Finlay Allison

’S e sàr neach-ciùil is tidsear a th’ ann am Finlay Allison, a tha air a chuid ciùil a chluich air feadh an t-saoghail bho na seasgadan a-mach agus mòran eòlais aige air ionnsramaidean teudach (ukulele, giotàr, mandolin agus fidheall). B’ e neach ciùil-taice a bh’ ann airson a’ chòmhlain-chiùil Stramash còmhla ri Adam McNaughton agus tha e a' cluich na fìdhle sa chòmhlan-chiùil Cloud Howe Ceilidh Band cuideachd. ’S e neach-oide brosnachail is misneachail a th’ ann am Finlay agus tha e air a bhith an sàs ann am bùithtean-obrach ukulele air feadh Alba agus ann am Baile Átha Cliath. Bidh na tallachan daonnan làn airson a chuid cuirmean aig Celtic Connections. Tha e na àrd-neach-oide aig Glasgow Folk Music Workshop (GFW) agus tha e air prògram agus clàr-teagaisg a chruthachadh airson na h-ukulele do luchd-tòiseachaidh gu ruige ìre adhartach.