Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Piobaireachd & Drumaichean do dh'oileanaich fo 18

Cinn-latha: 02/07/18 - 06/07/18
Cosgais: £125 (£125 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Iain MacFadyn (Piping) & Andrew MacPherson (Drumming)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 

 

Tha SMO air a bhith a’ ruith leithid a chùrsa fad iomadh bliadhna.  Chaidh deagh chuid den òigridh air na cùrsaichean air adhart gu bhith nam pìobairean òga ainmeil. Bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nis 's e am pìobaire agus neach-sgrùdaidh pìobaireachd Iain MacPhàidein agus an drumair is pìobaire cliùiteach Anndra Mac a’ Phearsain a tha air a bhith os cionn a' Chùrsa seo.

 

Tha an cùrsa seo ag amas air sgilean pìobaireachd is drumaireachd a thoirt am feabhas aig oileanaich suas gu 18 bliadhna dh’aois a tha aig ìre reusanta math air an fheadan, ach gu h-àraid an feadhainn a tha air a bhith ri pìobaireachd airson greiseag cuideachd. Tha e air a mholadh gum bi oileanaich a' gabhail pàirt anns an dà chlas ach an cuidich e le ruitheam is cumail ris a’ cheòl.

Thèid ceòl aotrom, mar a chleachdar ann am farpaisean agus cuideachd ceòl mòr ann an dreach pìobaireachd clasaigeach a theagasg.

‘S ann do theaghlach ainmeil ann an saoghal na pìobaireachd a bhuineas Iain MacPhàidein.  Tha ceangal dlùth aige ris na h-Eileanan/taobh an Iar na h-Alba. Tha e fhèin is a bhràithrean air na duaisean as àirde san t-saoghal a chosnadh.  Mar sin, tha làn eòlais aige agus e air a bhogadh ann an dòighean is cleachdaidhean pìobaireachd thraidiseanta.  Mar sin, ‘s math dhuinne aig SMO gu bheil sinn san t-suidheachadh, leis a’ chùrsa seo, a bhith a' toirt cothrom ionnsachaidh dhuibh le Iain.

Tha Anndra Mac a’ Phearsain na eòlaiche ciùil proifeiseanta a tha air cluich ann an còmhlain ainmeil mar Deoch ‘n Dorus, Angus Nicolson Trio, Urban Teuchters agus Niteworks.  Mar neach-ciùil iomadh ionnsramaid a tha cleachdte ri cluich anns an stiùidio air neo beò air beulaibh sluaigh, tha eòlas aige air cluich ann an iomadach seòrsa suidheachaidh eadar comhlain bheaga ionadail, comhlain ciùil ainmeil air feadh an t-saoghail agus còmhlain pìobaireachd.  Mar sin, tha comas aig Anndra deagh chothrom a thoirt dha na h-oileanaich airson meudachd de cheòl ionnsachadh bhuaithe. Cheumnaich Anndra le BA ann an Ceòl Traidiseanta Albannach bhon RSAMD, no Conservatoire Rìoghail na h-Alba mar a theirear san latha an-diugh.  Bidh Anndra a’ teagasg aig mòran de na fèisean agus sgoiltean ann an Alba far am bi e teagasg clann de gach aois agus comas.