Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig

Ceum:
Dòigh lìbhrigidh: Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 2 Bhliadhna
Còd: UP3Q5
Neach-stiùiridh: Catriona NicIain


Mun a' Chùrsa

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a' tairgsinn chùrsaichean trèanaidh anns na meadhanan Gàidhlig airson còrr is fichead bliadhna. Tha cruth a chùrsa seo agus an trèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig air cothrom a thoirt do dhaoine a dhol an sàs ann an iomadach dreuchd eadar-dhealaichte anns na meadhanan agus tha còrr is 70% de dhaoine a rinn a chùrsa seo a nis a' dèanamh am beò-shlàint anns a' ghnìomhachas.

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Chaidh an cùrsa seo a dhealbh airson luchd-trèanaidh ullachadh airson saoghal craolaidh an latha an-diugh. Tha oileanaich air an trèanadh ann an suidheachadh Gàidhlig agus ann an dòighean a' ghnìomhachais, a' toirt dhaibh an cothrom teisteanas aig àrd-ìre a chosnadh agus aig an aon àm eòlas fhaighinn air dreuchdan eadar-dhealaichte anns na meadhanan.

Tha oileanaich a faighinn bogadh anns na sgilean bunaiteach a tha deatamach airson a bhith ag obair anns na meadhanan fhad '€˜s a tha iad cuideachd a' leasachadh nan sgilean cànain aca.

As deidh bliadhna a h-àon (112 puingean creideis),  aig a' Cholaiste cuiridh oileanaich seachad bliadhna 2, (10 mìosan - 88 puingean creideis) a' trèanadh anns a' ghnìomhachas.

 

BLIADHNA 1 - Aonadan riatanach (aig a' cholaiste)

  • Gàidhlig is conaltradh: Sgilean Sgrìobhaidh Gnìomhachail Adhartach
     
  • Gàidhlig is Conaltradh: Sgilean Labhairt Gnìomhachail Adhartach
     
  • Camara: Bun-fhiosrachadh
     
  • Deasachadh: Prògram agad Fhèin
     
  • Sgrìobhadh Sgriobtaichean Telebhisein: Prògraman Fìrinneach
     
  • Dealbhadh Rèidio 1: Sgrùdadh is Riochdachadh Prògraman Rèidio
     
  • Eadar-lìon: Leasachadh Lìn
     
  • Dealbhadh is Riochdachadh Telebhisein
     
  • Sgilean Naidheachd: Bun-fhiosrachadh Gnìomhachais agus Cleachdaidh
     
  • Fuaim na Làraich: Clàradh le Aon Mhaidhc agus Obrachadh Boom
     
  • Meadhanan na h-Èorpa: Sgrùdadh agus Rannsachadh

 

Inntrigeadh

Airson àite fhaighinn air a' chùrsa bidh feum air na leanas:

Bithear a' sùileachadh teisteanas leithid Ceum Oilthigh, HNC no HND ach tha inntrigeadh air a' chùrsa an urra ris a' Cholaiste.

Feumar comas a thaobh Gàidhlig.

 

A' cur a-steach

Ma tha sibh ag iarraidh foirm-iarrtais airson an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig cuiribh post-d gu: iarrtas@smo.uhi.ac.uk no fòn 01471 888304.