Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dioplòma HE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar astar@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha an Dioplòma aig Àrd-ìre stèidhichte aig SCQF 8 agus a' freagradh do dh'€™Ìre 2 den cheum BA air taobh a-staigh na colaiste. 'S urrainn do dh'oileanaich modalan bho phrògram a' chèim  'Cànan is Cultar na Gàidhlig' no 'Gàidhlig is Leasachadh'.

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha 6 modalan ri dhèanamh anns an dàrna bliadhna air an dèanamh suas le modalan riatanach (Riatasan an Sgeama, a bhios a' ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.

Bidh fear de na 6 modalan na Mhodal Roghainneil i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a' Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad 's a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Thoir an aire gun tèid modalan bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla.)

Gus an Dioplòma aig Àrd-ìre a thoirt a-mach, bidh oileanaich a' taghadh dà mhodal bho Bhoillsgean an Sgeama, trì modalan bho aon chuid Cànan is Cultar no Gàidhlig is Leasachadh agus aon mhodal Roghainneil.

 

Riatasan an Sgeama Riatasan Prògraim Modal Roghainneil
  • Gàidhlig 2
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd

3 modalan à:

Gàidhlig is Leasachadh

NO

Cànan is Cultar

  • Sloinntearachd
  • Deamocrasaidh ann an Alba

no modal air astar eile aig SCQF 7,8 no 9

  Dà mhodal  Trì modalan Aon mhodal


Modalan nam Prògraman

Gàidhlig is Leasachadh Cànan is Cultar
  • Eachdraidh Shòisealta air Ghàidhealtachd
  • Leasachadh air a' Ghàidhealtachd agus Roinn Iomallach
  • A' Ghàidhlig An-dè is An-diugh
  • Saoghal na Gàidhlig 2
  • Beul-aithris Ghàidhlig
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Bàrdachd bho 1900
  • Sgoilearachd is Eilthireachd nan Gàidheal
  • Ainm-eòlas na h-Alba

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.

Mar as trice, bidh 2 chlas fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail '€“ uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

Inntrigeadh

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 1 (SCQF 7) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 1 gu Ìre 2:

a. Feumaidh oileanaich air a' Chùrsa Adhartais 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain CA5'€“CA7.

b. Feumaidh oileanaich air a' Chùrsa Chomais 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain 'Comas Conaltraidh B' agus 'Cànan Foirmeil is Dreuchdail'.

c. Feumaidh oileanaich air Gàidhlig agus Conaltradh 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain Gàidhlig is Conaltradh: 'Còmhradh' agus 'Gàidhlig is Conaltradh: Sgrìobhadh'.

d. Gheibh tagraichean airidh eile a-steach air roghainn an ionaid, ma thèid am breithneachadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 2 a choileanadh agus slatan-tomhais an Dioplòma aig Àrd-ìre a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a' Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

Slighean Adhartais

Ma shoirbeachas le oileanaich Dip HE fhaighinn, bidh cothrom aca BA Gàidhlig is Leasachadh no BA Cànan is Cultar na Gàidhlig air astar no aig a' Cholaiste a dhèanamh.

A' cur a-steach

Cuir post-d dhan Oifigear Inntrigidh air astar@smo.uhi.ac.uk no fòn gu +44 (0) 1471 888304.

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Clàran-ama

 Clàr-ama nam Modalan airson 2014-15

NB Mothaich gur dòcha gun tèid an liosta a leamnas atharrachadh o chionn duilgheadasan clàir-ama.

Semeastar 1 Semeastar 2
Gàidhlig 2 Gàidhlig 2
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Beul-aithris Ghàidhlig
  • Ainm-eòlas na h-Alba
  • Saoghal na Gàidhlig
  • Leasachadh air a' Ghàidhealtachd agus Roinnean Iomallach
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd
  • Bàrdachd bho 1900
  • Sgoilearachd is Eilthireachd nan Gàidheal
  • A' Ghàidhlig An-dè 's An-diugh
  • Eachdraidh Shòisealta air a' Ghàidhealtachd
  • Deamocrasaidh ann an Alba
  • Sloinntearachd