Dioplòma HE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte
Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh:
Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Tha an Dioplòma aig Àrd-ìre stèidhichte aig SCQF 8 agus a' freagradh do dh'Ìre 2 den cheum BA air taobh a-staigh na colaiste. 'S urrainn do dh'oileanaich modalan bho phrògram a' chèim 'Cànan is Cultar na Gàidhlig' no 'Gàidhlig is Leasachadh'.
Sùsbaint a' Chùrsa
Tha 6 modalan ri dhèanamh anns an dàrna bliadhna air an dèanamh suas le modalan riatanach (Riatasan an Sgeama, a bhios a' ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.
Bidh fear de na 6 modalan na Mhodal Roghainneil i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a' Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad 's a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Thoir an aire gun tèid modalan bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla.)
Gus an Dioplòma aig Àrd-ìre a thoirt a-mach, bidh oileanaich a' taghadh dà mhodal bho Bhoillsgean an Sgeama, trì modalan bho aon chuid Cànan is Cultar no Gàidhlig is Leasachadh agus aon mhodal Roghainneil.
| Riatasan an Sgeama | Riatasan Prògraim | Modal Roghainneil |
|---|---|---|
|
3 modalan à: Gàidhlig is Leasachadh NO Cànan is Cultar |
no modal air astar eile aig SCQF 7,8 no 9 |
| Dà mhodal | Trì modalan | Aon mhodal |
Modalan nam Prògraman
| Gàidhlig is Leasachadh | Cànan is Cultar |
|
|
Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.
Mar as trice, bidh 2 chlas fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail ' uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.
Inntrigeadh
Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 1 (SCQF 7) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 1 gu Ìre 2:
a. Feumaidh oileanaich air a' Chùrsa Adhartais 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain CA5'CA7.
b. Feumaidh oileanaich air a' Chùrsa Chomais 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain 'Comas Conaltraidh B' agus 'Cànan Foirmeil is Dreuchdail'.
c. Feumaidh oileanaich air Gàidhlig agus Conaltradh 50% aig a' char as lugha fhaighinn sna modalan cànain Gàidhlig is Conaltradh: 'Còmhradh' agus 'Gàidhlig is Conaltradh: Sgrìobhadh'.
d. Gheibh tagraichean airidh eile a-steach air roghainn an ionaid, ma thèid am breithneachadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 2 a choileanadh agus slatan-tomhais an Dioplòma aig Àrd-ìre a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a' Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.
Cìsean is Maoineachadh
|
Oileanaich Alba is AE Modalan ceuma air astar
|
£215 gach modal (20 creideas) |
|
Oileanaich Eadar-nàiseanta is RA Modalan ceuma air astar
|
£400 gach modal (20 creideas) |
Slighean Adhartais
Ma shoirbeachas le oileanaich Dip HE fhaighinn, bidh cothrom aca BA Gàidhlig is Leasachadh no BA Cànan is Cultar na Gàidhlig air astar no aig a' Cholaiste a dhèanamh.
A' cur a-steach
Cuir post-d dhan Oifigear Inntrigidh air astar@smo.uhi.ac.uk no fòn gu +44 (0) 1471 888304.
Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Clàran-ama
Clàr-ama nam Modalan airson 2012-13
NB Mothaich gur dòcha gun tèid an liosta a leamnas atharrachadh o chionn duilgheadasan clàir-ama.
| Semeastar 1 | Semeastar 2 |
| Gàidhlig 2 | Gàidhlig 2 |
|
|