Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig
Ceum: PDA
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine
Dè cho fada: 2 Bhliadhna
Còd: UP3Q5
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a' tairgsinn cùrsaichean trèanaidh anns na meadhanan Gàidhlig a tha air a bhith air leth soirbheachail thairis air ioma bliadhna. Tha cruth nan cùrsaichean seo agus an trèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig air cothrom a thoirt do dhaoine a dhol an sàs ann an iomadach dreuchd eadar-dhealaichte anns na meadhanan agus tha àireamh mhòr de dhaoine a rinn na cùrsaichean seo a nis a' dèanamh am beò-shlàint anns a' ghnìomhachas.
Sùsbaint a' Chùrsa
Chaidh an cùrsa seo a dhealbh airson luchd-trèanaidh ullachadh airson saoghal craolaidh an latha an-diugh. Tha oileanaich air an trèanadh ann an suidheachadh Gàidhlig agus ann an dòighean a' ghnìomhachais, a' toirt dhaibh an cothrom teisteanas aig àrd-ìre a chosnadh agus aig an aon àm eòlas fhaighinn air dreuchdan eadar-dhealaichte anns na meadhanan.
Tha oileanaich a faighinn bogadh anns na sgilean bunaiteach a tha deatamach airson a bhith ag obair anns na meadhanan fhad 's a tha iad cuideachd a' leasachadh nan sgilean cànain aca.
As dèidh 30 seachdainean aig a' Cholaiste cuiridh oileanaich seachad bliadhna slàn a' trèanadh anns a' ghnìomhachas.
Inntrigeadh
Airson àite fhaighinn air a' chùrsa bidh feum air na leanas:
Bithear a' sùileachadh teisteanas leithid Ceum Oilthigh, HNC no HND ach tha inntrigeadh air a' chùrsa an urra ris a' Cholaiste.
Feumar comas a thaobh Gàidhlig.
A' cur a-steach
Ma tha sibh ag iarraidh foirm-iarrtais airson an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig cuiribh fios gu: 01471 888336