Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

HNC Childhood Practice

Ceum:
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Dè cho fada: Dà bhliadhna pàirt-ùine
Còd: U173X
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

“We know that the most important driver of quality in Early Learning and Childcare is a dedicated, highly skilled and well-qualified workforce, whose initial and continued training enables them to fulfil their own potential and equip our young children to do the same.” 

A Blueprint for 2020: The Expansion of Early Learning and Childcare in Scotland

Tha Riaghaltas na h-Alba air targaidean dùbhlanach a stèidheachadh airson tràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne ann an Alba a leudachadh agus tha an t-iarrtas airson luchd-obrach teisteanaichte ann an cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor-dhol am meud.

 ‘S e teisteanas nàiseanta aithnichte a th’ anns a’ chùrsa HNC Childhood Practice agus an dèidh a choileanadh gu soirbheachail, faodaidh tu clàradh le Scottish Social Services Council (SSSC). Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig thar dà bhliadhna phàirt-ùine, agus cothrom ann a dhèanamh air astar.

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh shònraichte ann an obair le cloinn is daoine òga agus do dhaoine a tha air am fastadh an-dràsta ann an tràth-bhliadhnaichean agus cùram-chloinne a tha airson an cuid eòlais-obrach a leasachadh

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Mar oileanach air a’ chùrsa HNC Childhood Practice (Gàidhlig), cuiridh tu eòlas air agus bidh thu ag ionnsachadh mu theòiridh is prionnsabalan an lùib tràth-fhoghlaim agus cùraim-chloinne agus ciamar a thathar gan cur an gnìomh. Gheibh thu eòlas obrach luachmhor ag obair le cloinn agus daoine òga agus thèid iarraidh ort meòrachadh air a’ mhodh-obrach agad fhèin agus do chuid sgilean stiùiridh a leasachadh.

 

Inntrigeadh

  • 2 Àrd-ìre Albannach aig ìre  C no nas àirde, no:
  • 1 A-ìre aig ìre D no nas àirde. Bu chòir gum biodh Beurla agus Gàidhlig nam measg, agus:
  • 4 Nàiseanta-5 no Ìre Choitcheann aig ìre Creideis no co-ionnan, agus Beurla nam measg mura h-eil Àrd-ìre no A-ìre agad.
  • Air neo NC Early Education and Childcare no SVQ 2 Social Services: Children and Young People.

Thathar ag iarraidh air daoine aig nach eil na teisteanasan riatanach iarrtas a chur ann agus thèid gach cùis a mheas a rèir an neach fhèin. Feumaidh luchd-iarrtais soirbheachail sgrùdadh PVG Disclosure a choileanadh agus ballrachd de sgeama PVG fhaighinn. Feumar a thighinn gu agallamh cuideachd airson sgilean Gàidhlig a mheas.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean rach chun a cheangail a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/iarrtas/cisean/

 

A' cur a-steach

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk