Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Iarrtas

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tàladh oileanach bho air feadh an t-saoghail agus tha na cùrsaichean againn air an ullachadh airson làn chothrom a thoirt do dh'oileanaich fàs fileanta sa chànan agus misneachd a bhith aca ann an leughadh, sgrìobhadh agus bruidhinn a' chànain.

Ma tha thu dìreach an dèidh tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh is dòcha gum biodh ùidh agad ann an Cùrsa Goirid a dhèanamh aig a' Cholaiste air neo an cùrsa air astar, An Cùrsa Inntrigidh.

Mas ann fileanta a tha thu is dòcha gum biodh ùidh agad ann an cùrsa fo-cheum a dhèanamh no an cùrsa for-cheum MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd.

Is dòcha gu bheil Gàidhlig gu leòr agad ach gu bheil greis ann on a bha thu ga bruidhinn is gum bu mhath leat piseach a thoirt air do chuid sgilean cànain. B' urrainn dhut an Cùrsa Adhartais a dhèanamh air astar no a thighinn don Cholaiste airson An Cùrsa Comais a dhèanamh.

Tha sinn toilichte iarrtas fhaighinn bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus faodaidh earbsa a bhith agad gum bi sinn a' dèiligeadh ris an iarrtas agad ann an dòigh chothromach. Bidh gach iarrtas air a sgrùdadh gu ceart agus a rèir poileasaidh Co-ionnanachd Chothrom na Colaiste. Cha bhi a' Cholaiste a' dèanamh dì-meas air air sgàth aois, dath craicinn, dulachas cinnidh, creideamh no gnè.

Gheibh thu tuilleadh fios agus comhairle bho Oifis Chlàraidh na Colaiste mu bhith a' cur a-steach iarrtas don Cholaiste agus tha fiosrachadh feumail eile ri lorg san earrainn seo den làraich-lìn. 

Oifis Chlàraidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk

 --}