Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cìsean

Tha cìsean teagaisg a' ciallachadh na phàigheas tu airson teagasg a gheibh thu tron bhliadhna is bidh iad eadar-dhealaichte a rèir dè an cùrsa a tha thu a' dèanamh agus cò às a tha thu. Bu chòir dhut cuideachd smaoineachadh air cosgaisean a bharrachd mar chosgaisean fuirich, biadh agus rudan eile leithid leabhraichean. Ma tha dragh idir ort mu chìsean is cosgaisean feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 is bheir iad comhairle dhut ma bhios taic no cuideachadh ann dhut.

 

Cìsean Fo-cheum

Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san EU

Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:

Ceuman (BA Urram)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna

£1,820

   

Teisteanasan HN (Cert HE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

£1,285

Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.

Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.

Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:

£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)

Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.

'S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).

Oileanaich eadar-nàiseanta

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:


Ceuman (3 no 4 bliadhna)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas)

        £8,000

   

Teisteanasan HN (CertHE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

        £6,000

Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.

Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.

For-cheum

 
Oileanaich Alba is EU  
   
Gach modal £480
Teisteanas for-cheum (PgCert) £1,440
Dioplòma for-cheum (PgDip) £2,800
MSc (6 modalan agus trachdas) £4,320
   
Oileanaich RA  
   
Gach modal £600
Teisteanas for-cheum (PgCert) £1,800
Dioplòma for-cheum (PgDip) £3,600
MSc (6 modalan agus trachdas) £5,400
   
Oileanaich Eadar-nàiseanta  
   
Gach modal £720
Teisteanas for-cheum (PgCert) £2,160
Dioplòma for-cheum (PgDip) £4,320
MSc (6 modalan agus trachdas) £6,480
   

Foghlam air Astar

 
Oileanaich Alba  
   
An Cùrsa Inntrigidh: trì earranan £250 gach earrann
*An Cùrsa Adhartais: seachd modalan £161 /£215 gach modal
Modalan ceuma £215 gach modal (20 creideis)
   
Oileanaich AE  
   
An Cùrsa Inntrigidh: trì earranan £300 gach earrann
*An Cùrsa Adhartais: seachd modalan £161/£215 gach modal
Modalan ceuma £215 gach modal (20 creideis)
   
Oileanaich RA agus Eadar-nàiseanta  
An Cùrsa Inntrigidh: trì earrannan £300 gach earrann
*An Cùrsa Adhartais: seachd modalan £330/£400 gach modal
Modalan ceuma £400 gach modal (20 creideis)
   

Cùrsaichean Goirid

 
Oileanaich UK, EU & taobh a-muigh EU  
   
Cùrsaichean Gàidhlig £180
Cùrsaichean ciùil is eile £180
Seachdain Alasdair Friseil £210
   

* Tha 7 modalan anns a' Chùrsa Adhartais- tha luach 15 air 4 dhiubh agus luach 20 creideis air 3 dhiubh.

Cha bhi cìsean ag àrdachadh do dh'oileanaich bho thall thairis a tha a' leanntainn cùrsa ceum fad ceithir bliadhna (i.e. bidh na cìsean an aon rud gach bliadhna den chùrsa).