Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Oileanaich eadar-nàiseanta

Tha àrainn oideachaidh air leth aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha na cùrsaichean agus a' Cholaiste gu lèir gan ruith tro mheadhan na Gàidhlig - an aon cholaiste de seòrsa san t-saoghal. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an OGE, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus tha ceanglaichean làidir againn an seo agus air feadh an t-saoghail. Tha a' Cholaiste a' tairgsinn caochladh chothroman do dh'oileanaich airson cùrsaichean a dhèanamh làn-thìde no pàirt-thìde, an seo fhèin no air astar. As bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

Fo-cheum

Feumaidh tu iarrtas a chur a-steach dhan Cholaiste fhèin.  Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304.

For-cheum

Bu chòir do thagraichean MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304.

Foghlam air astar

Bu chòir do thagraichean airson chùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bho Sgioba Foghlam Fad Beatha air +44(0)1471 888449.

Cùrsaichean Goirid

Bu chòir do thagraichean airson nan cùrsaichean goirid a dhol tro shiostam nan cùrsaichean. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air +44(0)1471 888 240 no tro phost-d.

Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888 304 no tro phost-d gu inntrig@smo.uhi.ac.uk  Bhiodh iad ro dheònach do chuideachadh.

Ceanglaichean feumail do dh'oileanaich eadar nàiseanta

Leabhar-làimhe do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

UHI International Student Pages

Official UK Government website for visa services

UKCISA

British Council

Education UK

UK Borders Agency

The International Student Calculator

Scotland is the Place