Oileanaich na Rìoghachd Aonaichte is an Aonaidh Eòrpaich
Tha na cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, bho chùrsaichean fad seachdain gu cùrsaichean ceuma, dèanadach agus freagarrach do dh'oileanaich an latha an-diugh. Chan eil àite nas fheàrr san t-saoghal airson piseach a thoirt air do chuid Gàidhlig agus tha a' Cholaiste aithnichte airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Fo-cheum
Gheibh thu fiosrachadh air na teisteanasan a tha a dhìth airson àite fhaighinn air gach cùrsa air duilleagan nan cùrsaichean. Tha na cùrsaichean làn-thìde gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig is mar sin feumaidh beagan Gàidhlig a bhith agad mus tòisich thu air cùrsa. Tha siostam soilleir aig a' Cholaiste far an urrainn do dh'oileanaich adhartas a dhèanamh tro na cùrsaichean, bho chùrsaichean goirid gu cùrsaichean air astar gu cùrsaichean fo-cheum is for-cheum, a tha a' toirt cothrom farsaing do dhaoine air foghlam Gàidhlig.
Ma thu a' fàgail na sgoile no a' cur a-steach gu còrr is aon oilthigh, feumaidh an tagradh agad a dhol tro UCAS. 'S e UCAS am prìomh sheirbheis inntrigidh do gach oilthigh is colaiste ann am Breatainn.
Còdan UCAS
Ainm Institiùd: HIP
Còd Institiùd: H49
Còd na h-Àrainn: K
Tha cinn-ùine fa-leth aig UCAS a rèir cùrsa, na bliadhna a bhios neach a' tòiseachadh agus na dùthcha dham buin iad. Tha a' Cholaiste a' moladh gun cuirear tagraidhean a-steach cho luath 's a ghabhas ach dh'fhaodadh gun gabh a' Cholaiste ri tagraidhean an dèidh nan ceann-latha seo. Dh'fhaoidte gum faigh oileanaich àite tron t-siostam chothromachaidh, a rèir am bi àite ri fhaighinn air a' chùrsa do dhaoine eile. Mar is trice bidh cothromachadh a' ruith bho mheadhan an Iuchair gu meadhan na Sultaine.
Gheibh thu bileagan-tagraidh agus tuilleadh fiosrachaidh bhon Cholaiste agus bho oifigearan dreuchd, sgoiltean, oilthighean agus colaistean air feadh na dùthcha, no bho UCAS fhèin. Dhaibhsan a tha à dùthchannan cèine, gheibhear bileagan-tagraidh bhon Chomhairle Bhreatannaich. Gabhaidh iarrtasan a chur a-staigh air-loidhne cuideachd.
Dh'fhaodadh gun cuir a' Cholaiste agallamh air dòigh leis an tagraiche, aig a' Cholaiste no air a' fòn. 'S ann airson tuigse fhaighinn air dè an ìre aig a bheil an cuid Gàidhlig as motha a tha agallamhan, airson dèanamh cinnteach gu bheil tagraichean a' cur a-staigh airson a' chùrsa cheart. Bidh aig tagraichean ri agallamh agus deuchainn chiùil a dhèanamh mus faighear àite air a' chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.
Cuiridh UCAS brath chun an tagraiche mu cho-dhùnadh na Colaiste. Gheibh tagraichean barrachd fiosrachaidh air àite-fuirich agus taic-airgid an dèidh aontachadh àite air cùrsa a ghabhail.
Faodaidh tagraichean eile, nach eil a' fàgail na sgoile fios a chur chun na h-Oifis Clàraidh aig iarrtas@smo.uhi.ac.uk.
Chan fheum tagraichean airson an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig a dhol tro UCAS. Bu chòir don a h-uile tagradh a chur dìreach gu Stiùiriche a' Chùrsa air 01471 888 336 no tro phost-d gu sm00cni@uhi.ac.uk.
Iarrtasan
Siostam Iarrtais - stiùireadh do thagraichean
For-cheum
Bu chòir do thagraichean MSC Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd iarrtas a chuir a-steach aig a cheangal gu h-ìosal:
Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44 (0)1471 888 304 no tro phost-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk.
Foghlam air astar
Bu chòir do thagraichean airson chùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Sgioba Foghlam Fad Beatha air + 44 (0)1471 888449 no tro phost-d gu astar@smo.uhi.ac.uk
Cùrsaichean Goirid
Bu chòir do thagraichean airson nan cùrsaichean goirid a dhol tro shiostam nan cùrsaichean. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air +44 (0)1471 888 240 no tro phost-d gu cg@smo.uhi.ac.uk
Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44 (0)1471 888 304 no tro phost-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk Bhiodh iad ro dheònach do chuideachadh.