Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Taic-airgid

Mar oileanach bidh agad ri fiosrachadh fhaighinn ro làimh air dè chosgas an cùrsa agus dè an taic airgid a bhios ann dhut. Tha a' Cholaiste ro dheònach fiosrachadh is comhairle a thoirt dhut mu thaic le ionmhas agus faodaidh tu fios a chur don Oifis Chlàraidh air 00(+44)1471 888 304 no tro phost-d uair sam bith.

Fo-cheum

Bu chòir do dh'oileanaich à Alba a tha a' tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig tagradh airson taic-airgid a chur gu SAAS - Students Awards Agency for Scotland. Bu chòir do dh'oileanaich à dùthchannan eile san Roinn Eòrpa no taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bruidhinn ris na h-ùghdarrasan foghlaim ionadail aca fhèin airson taic-airgid. A rèir an t-suidheachaidh, dh'fhaodadh oileanaich bhon Aonadh Eòrpach agus dùthchannan eile a bhith airidh air taic ionmhais bhon SAAS agus bu chòir dhaibh sùil a thoirt air slatan tomhais na buidhne airson oileanach à thall thairis.

Bidh a' mhòr-chuid de dh'oileanaich air cùrsaichean fo-cheum làn-thìde a' faotainn taic tro Iasad Oileanaich. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu riaghailtean agus mar a gheibh thu iasad oileanaich bhon làraich-lìn aig SAAS.

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a chlàradh ann an cuid a stàitean ann an Canada agus dh'fhaodadh gum faigh oileanaich bho na stàitean sin iasadan bho na riaghaltasan aca. Cuir fios don Oifis Chlàraidh aig a' Cholaiste airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Mura faigh thu taic-airgid bho SAAS, ùghdarrasan foghlaim ionadail no bho bhuidheann sam bith eile, faodaidh oileanaich tagradh a dhèanamh ri maoin duais sgoilearachd na Colaiste, an urra ri daingneachadh bhon Cholaiste, ach chan eil ach glè bheag de dh'airgead ann airson duaisean sgoilearachd. Faodaidh oileanach cur a dh'iarraidh air duais sgoilearachd cho luath 's a gheibh iad àite gun chùmhnant aig Sabhal Mòr Ostaig.

Tha Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig cuideachd ga ruith le OGE le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha bursaraidhean air an toirt do dh'oileanaich a tha gu bhith no air tòiseachadh air a' chiad bhliadhna de chùrsaichean ceuma tro mheadhan na Gàidhlig. Gheibh thu tuilleadh fios an seo.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu SAAS agus taic eile do dh'oileanaich le ciorram agus maoin a' chùraim chloinne an seo.

For-cheum

Gheibh thu fiosrachadh mu thaic airgid do dh'oileanaich a tha am beachd cùrsa for-cheum a dhèanamh bhon làraich-lìn aig SAAS.

Bidh Riaghaltas na h-Alba cuideachd a' toirt leabhair a-mach gach bliadhna, 'Helping you Meet the Cost of Living '€“ Postgraduate Students'.
PFG (Part-time Fee Grant)

Gheibh cuid a dh'€™oileanaich an Alba taic airgid tro sgeama part-time fee grant (PFG) aig SAAS (Students Award Agency for Scotland) le luach £500 do dh'€™oileanaich a tha clàraichte air modalan aig a bheil 40 puing creideis no barrachd sa bhliadhna.. Tha barrachd fios aig www.student-support-saas.gov.uk

Foghlam Air Astar is Cùrsaichean Goirid

ILA Scotland

'S e Sgeama Riaghaltas na h-Alba a th' ann an ILA Scotland do dhuine sam bith a tha còrr is sia bliadhna deug a dh'aois agus a' fuireach ann an Alba. Cha bhi agad ris an t-airgead a phàigheadh air ais agus thèid i dìreach don Cholaiste. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu ILA Scotland bhon làraich-lìn aca no bho 0808 100 1090.

PFG (Part-time Fee Grant)

Gheibh cuid a dh'€™oileanaich an Alba taic airgid tro sgeama part-time fee grant (PFG) aig SAAS (Students Award Agency for Scotland) le luach £500 do dh'€™oileanaich a tha clàraichte air modalan aig a bheil 40 puing creideis no barrachd sa bhliadhna. Tha barrachd fios aig www.student-support-saas.gov.uk

 

ILA 200

Bho 2009/10 air adhart, ma tha an tuarastal agad nas ìsle na £22,000 no ma tha thu a' faighinn taic bhon Riaghaltas, faodaidh tu cur a-steach airson cunntas ionnsachaidh agus £200 fhaighinn airson iomadh cùrsa aig dìofar ìrean.


Clì Gàidhlig

Tha Clì Gàidhlig a' tabhann taic airgid do luchd-ionnsachaidh ùr airson an cuideachadh gus Gàidhlig ionnsachadh, gu sònraichte airson cùram-cloinne, siubhal, àite-fuirich agus chosgaisean a bharrachd a thig air oileanaich air sgàth ciorram. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh agus foirm iarrtais an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Urras MhicCaig a' toirt taic do dh'oileanaich aig a bheil ùidh ann an teagasg, bruth an seo.