Ceangal air ais gu duilleag dachaigh na làraich  Dachaigh Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | Stòr–dàta Briathrachais | Read in ENGLISH |
Dealbhan oileanaich agus a' Cholaiste   
DACHAIGH
A' CHOLAISTE
CÙRSAICHEAN
GOIREASAN
AN LEABHARLANN
CARAIDEAN
GÀIDHLIG AIR AN LÌON
    Dachaigh » Cùrsaichean:

For-cheum air astar
Cùrsaichean Làn-thìde
An Cùrsa Inntrigidh
An Cùrsa Adhartais
Cuir Peann ri Pàipear
Cùrsaichean Goirid
Ionad Ionnsachaidh

Foirm Fiosrachaidh

 
Cùrsaichean

Dealbh air an tùr, Lòchran an DòmhnallaichThathar ag aithneachadh gu bheil e na bhuannachd mhòr a' Ghàidhlig a chleachdadh mar mheadhan foghlaim agus conaltraidh. A bharrachd air toileachas pearsanta fhaighinn bhon chànan, tha mòran dhreuchdan a' cur feum oirre cuideachd san latha a th' ann. Bho chùrsaichean fad seachdain gu cùrsaichean ceuma, tha cùrsaichean an t-Sabhail Mhòir dèanadach agus freagarrach, is thèid oileanaich uidheamachadh le sgilean agus eòlas a fhreagras air iomadh dreuchd, 's bidh seo na adhbhar misneachd dhaibh anns na bliadhnaichean ri teachd.

Nuair a thòisich a' Cholaiste a' tabhann chùrsaichean an toiseach ann an 1983, cha robh innte ach seachd oileanaich làn-thìde. An-diugh, tha mu 90 oileanach làn-thìde sa Cholaiste, mu 600 oileanach air na Cùrsaichean Goirid agus mu 150 oileanach air a' chùrsa air astar, An Cùrsa Inntrigidh.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tàladh oileanach bho air feadh an t-saoghail, fileantaich is luchd-ionnsachaidh nam measg. Tha a' Cholaiste ag amas air feumalachdan oileanaich aig gach ìre a choileanadh agus Gàidhlig fhosgladh don mhòr-shluagh le cothroman ionnsachaidh iomchaidh agus leantainneach.

Ceumannan, Dioploma, Teisteanasan Foghlaim Àrd Ire
Tha Sabhal Mòr Ostaig na phàirtiche ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna agus 's i a tha a' treòrachadh chàich ann an Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-Cheangailte. Tha seo a' gabhail a-steach BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, BA (le Urram) Gàidhlig agus Iomall a' Chuain Siar agus a' cheuma ùir, BA Gàidhlig agus Na Meadhanan. A rèir dearbhaidh, bidh Sabhal Mòr Ostaig cuideachd a' tabhann BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, a' toiseachadh anns an t-Sultain 2006. 'S iad seo na h-aon chùrsaichean ceuma ann an Alba a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin agus tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Cholaiste airson a bhith a' teagasg a' chànain.

Dealbh air oileanaich ann an clasFoghlam air Astar
Tha cothrom ann do fhìor luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig gluasad air adhart gu sgeama nan ceum leis An Cùrsa Inntrigidh, cùrsa air astar le taic. Nuair a bhios na h-oileanaich air crìoch shoirbheachail a chur air a' Chùrsa, tha cead aca (a rèir agallamh) gluasad air adhart dhan Chùrsa Chomais, cùrsa bogaidh bliadhna a dh'fhaid agus a' chiad ìre de Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte.

Cùrsaichean Goirid
Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann prògram air leth soirbheachail de Chùrsaichean Goirid a tha a' toirt fìor dheagh chothrom do dh'oileanaich am misneachd agus an sgilean cànain a bhrosnachadh mus tòisich iad air cùrsa làn-thìde. Tha cùrsaichean conaltraidh Gàidhlig gan tabhann aig ochd ìrean, bho fhìor luchd-tòiseachaidh gu luchd-ionnsachaidh nas adhartaiche. Tha iad seo a' ruith aig an aon àm ri cùrsaichean ciùil, dannsa agus cùrsaichean cultarach. Bidh an t-seachdain trang le cur-seachadan agus na h-oileanaich ag ionnsachadh sgilean ùra ann an àrainn thlachdmhor, bheothail.

Faic duilleag nan Cùrsaichean Làn-thide airson deilbh air mar a dh'fhaodar gluasad eadar gach ìre ionnsachaidh.

For-cheum air astar
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann a' chiad chùrsa for-cheum ann an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd bhon t-Sultain 2005. 'S e cùrsa pàirt-thìde a th' ann, a' maireachdainn 3 bliadhna. Faodaidh oileanaich an cùrsa a dhèanamh air astar, le pàirtean air-loidhne. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, thoir sùil air duilleag a' chùrsa.

Rannsachadh
Bidh a' Cholaiste a' tabhann cothroman rannsachaidh, ann an co-bhoinn le buidhnean agus oilthighean eile, mar eisimpleir Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Shruighlea.

Ionad Ionnsachaidh
Tha Ionad Ionnsachaidh aig a' Cholaiste, air a chomharrachadh leis an SUFI, a' toirt seachad chothroman ionnsachaidh don choimhearsnachd ionadail. Nam measg tha clasaichean Gàidhlig, clasaichean Foghlaim sa Choimhearsnachd agus trèanadh gnìomhachais. A bharrachd air cùrsaichean gan ruith anns an Ionad, faodaidh oileanaich cùrsaichean a dhèanamh air astar, is iad seo a' gabhail a-steach chùrsaichean air astar bho Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna cuideachd.

Ionad Chaluim Chille Ìle
Bho chionn ghoirid, chaidh Ionad Chaluim Chille Ìle fhosgladh ann an Ìle, fo stiùir na Colaiste. Tha an t-ionad ùr seo a' tairgse chùrsaichean làn-thìde, pàirt-thìde agus chùrsaichean goirid agus am measg nan goireasan a tha ann tha cròileagan, cafaidhDealbh air Ionad Chaluim Chille Ìle, leabharlann agus ionad ioma-mheadhan. Bidh cùrsaichean ceuma an t-Sabhail Mhòir, no pàirt de na cùrsaichean, gan tabhann aig Ionad Chaluim Chille Ìle, a rèir iarrtais. Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu:

Ionad Chaluim Chille Ìle
Gart na Tràgha
Bogha Mòr
Eilean Ìle
PA43 7LN
Fòn: 01496 810818
Post-dealain

Co-ionnanachd Chothroman
Tha poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig a' Cholaiste a tha a' bualadh air gach roinn de bheatha na Colaiste.

Ceangal gu Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman (pdf 89.5 kb) Co-ionnanachd Chothroman (pdf 89.5 kb)

Poileasaidh Ciorraim
Nì Sabhal Mòr Ostaig a dhìcheall co-ionnanachd chothroman a lìbhrigeadh do gach neach a tha a' cleachdadh seirbheisean agus luchd-obrach na Colaiste, a dh'aindeoin ciorraim sam bith, a' dèanamh atharrachaidhean reusanta airson chothroman agus taic, far a bheil sin a dhìth.

Ceangal gu Poileasaidh Ciorraim (pdf 83.5 kb) Poileasaidh Ciorraim (pdf 83.5 kb)


Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44 (0) 1471 888 000 Post-dealain
A' Cholaiste   |   Cùrsaichean   |   Goireasan   |   An Leabharlann   |   Caraidean   |   Gàidhlig air an Lìon |   Saorsa Fiosrachaidh
Oileanaich & Luchd-Obrach   |   Seòlaidhean   |   Clàr na Làraich   |  An Stòr-data Briathrachais  |  Read in ENGLISH