![]() |
Dachaigh | Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | | Stòrdàta Briathrachais | Read in ENGLISH | | ||
![]() |
||||
| DACHAIGH | GÀIDHLIG AIR AN LÌON | |||||
| Dachaigh » Cùrsaichean » An Cùrsa Inntrigidh: | |||
|
AN CÙRSA INNTRIGIDH |
An Cùrsa Inntrigidh | ||
Fàilte don Chùrsa Inntrigidh 'S e cùrsa air astar le taic a th' anns a' Chùrsa Inntrigidh, airson fìor luchd-tòiseachaidh sa Ghàidhlig.
Leabhar Laimhe Oileanaich 2008 - 2009
Riaghealtean-mheasaidh agus Cùisean Maothachaidh
Dè bhios mi a' dèanamh air a' Chùrsa? 'S e amas a' Chùrsa gum bi misneachd aig oileanaich Gàidhlig a chleachdadh agus tha barrachd cudroim ga chur air sgilean labhairt agus èisteachd seach air sgilean sgrìobhaidh. Thathar a' cur teicneòlais gu feum gus an cothrom a thoirt do dhaoine a tha nas fhaide air falbh Gàidhlig ionnsachadh, agus far nach eil clasaichean eile freagarrach air dòigh-beatha dhaoine. Tha leabhraichean-obrach le CDan an cois a' Chùrsa agus faodaidh oileanaich obrachadh uair sam bith a fhreagras orra fhèin, tron latha no air an oidhche. Thèid co-labhairtean fòn a chumail a h-uile seachdain gus cothrom a thoirt do dh'oileanaich còmhradh ri oidean agus ri oileanaich eile air a' Chùrsa. Tha sgoiltean ceann-seachdain air an cumail aig a' Cholaiste. Air an dòigh seo, faodaidh oileanaich na tha iad air ionnsachadh a neartachadh agus a chleachdadh. Cuideachd tha iad a' tighinn ri chèile ann an suidheachadh càirdeil, Gàidhlig. Dè an eòlas a dh'fheumas mi airson tòiseachadh? Chan fheum eòlas a bhith agad air Gàidhlig ro làimh - 's ann airson luchd-tòiseachaidh a chaidh an Cùrsa Inntrigidh a dhealbh, agus chan fheum teisteanasan foirmeil a bhith agad airson àite fhaighinn air a' Chùrsa. Ma tha beagan Gàidhlig agad mar thà no ma tha thu eòlach air cànain ionnsachadh, 's dòcha gum b' fheàrr leat clàradh air an t-sruth as luaithe den chùrsa - thoir sùil air clàr-ama a' Chùrsa. A' toirt luchd-ionnsachaidh nas fhaisge air a chèile Aig amannan, faodaidh ionnsachadh air astar a bhith aonaranach. Air a' Chùrsa Inntrigidh 's tu fhèin as motha a bhios a' riaghladh d' ùine is bidh thu a' dèanamh na h-obrach far an togar thu fhèin ach chan ann buileach leat fhèin. Bidh thu ag ionnsachadh mar phàirt de bhuidheann agus tha taic ri faotainn tron chùrsa gu lèir, le conaltradh air an fhòn, post-dealain agus air a' bhòrd-chòmhraidh. Tha clàr-ama agad airson sùil a chumail air na h-amasan agad agus ged a bhiodh tu ann an ceann a deas Shasainn no taobh an iar Ameireaga, dh'fhaodadh ceangal a bhith agad le Gaidhealtachd na h-Alba gach seachdain, a' bruidhinn ri oide anns an Eilean Sgitheanach, Eilean Mhuile no an àite sam bith. Dè an ìre aig am bi mi an dèidh crìoch a chur air a' Chùrsa? Tha e na amas gum bi oileanaich a tha air crìoch shoirbheachail a chur air Earrainn 3 den Chùrsa comasach air còmhradh a dhèanamh sa Ghàidhlig. Gheibh thu teisteanas a bheir cead (a rèir agallamh) a dhol air adhart dhan Chùrsa Chomais. Tha sin aig Ìre 1 de Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte a tha ga thabhann aig Sabhal Mòr Ostaig agus ionadan eile ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, m.e. Ionad Chaluim Chille Ìle, Colaisde a' Chaisteil agus Colaiste Inbhir Nis. No, dh'fhaodadh daoine An Cùrsa Adhartais a dhèanamh, 'S e seo an ath cheum gu fileantachd air astar. Tha An Cùrsa Adhartais a' cleachdadh nan aon doighean teagaisg is ionnsachaidh aig A' Chùrsa Inntrigidh.Bidh An Cùrsa Adhartais a' tòiseachadh air 6 An t-Samhain 2006, a crochadh air dearbhadh le OGE. Airson iarrtais a chur a-staigh air-loidhne airson Cùrsa Inntrigidh, lìon an fhoirm. Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu: Sgioba
Chùrsaichean Air-loidhne Fòn: 01471 888 449/450
|
|||
|
Sabhal Mòr Ostaig,
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44
(0) 1471 888 000 Post-dealain
|
|||