![]() |
Dachaigh | Oileanaich & Luchd-Obrach | Seòlaidhean | Clàr na Làraich | | Stòrdàta Briathrachais | Read in ENGLISH | | ||
![]() |
||||
| DACHAIGH | GÀIDHLIG AIR AN LÌON | |||||
| Dachaigh » Cùrsaichean » An Cùrsa Inntrigidh: | |||
|
AN CÙRSA INNTRIGIDH |
Clàran-ama | ||
|
Tha 3 Earrannan anns a' Chùrsa agus dà shrùth, am Bann Coitcheann agus am Bann Luath. Bann Coitcheann: Tha 6 aonadan ann an Earrainn 1 agus
bheir e 4 mìosan seo a chrìochnachadh Dè ma tha beagan Gàidhlig agam mar thà? Bann Luath: Tha cruth sònraichte air a' Chùrsa Inntrigidh agus chan àbhaist do dhuine clàradh air a' Chùrsa an dèidh dhan chùrsa tòiseachadh. Faodaidh luchd-ionnsachaidh adhartach clàradh air a' Bhann Luath is bheir e 8 mìosan crìoch a chur air Earrann 1 - Earrann 3. Mar am Bann Coitcheann, bidh aon sgoil ceann-seachdain aig Sabhal Mòr Ostaig ga tabhann leis gach Earrainn air a' Bhann Luath. Tha 6 aonadan ann an Earrainn 1 agus
bheir e 2.5 mìosan seo a chrìochnachadh
Uile gu lèir, 's àbhaist do dh'oileanach air a'
Bhann Choitcheann 8-10 uairean a chur seachad gach seachdain ag
obair air a' Chùrsa. Bidh oileanaich air a'
Bhann Luath a' cur seachad mu 10-12 uair san t-seachdain ag obair
air. Cuimhnich nach e ach tomhas a tha seo - tha dòighean obrach
diofraichte aig a h-uile duine is bidh cuid ag ionnsachadh nas luaithe
na cuid eile. Tha e nas èifeachdaiche
a bhith ag ionnsachadh beag air bheag seach feuchainn ri tòrr ionnsachadh
aig a' mhionaid mu dheireadh. Bidh cuid de na h-aonadan a' toirt
nas fhaide na cuid eile - tha e an urra ribh fhèin. Cuin a tha an Cùrsa a' tòiseachadh? Tha na Clàran-ama ri faighinn gu h-ìosal
Clàran-ama airson 2009-2010: Airson oileanaich ùr a' Chùrsa Inntrigidh agus oileanaich a tha a tilleadh chun a Chùrsa Inntrigidh:
Oileanaich a' Chùrsa Inntrigidh a tha a cumail orra:
Mura h-eil thu cinnteach mu dheidhinn dad sam bith cuir post-dealain thugainn an seo. |
|||
|
Sabhal Mòr Ostaig,
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, Alba IV44 8RQ Fòn: +44
(0) 1471 888 000 Post-dealain
|
|||