Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

MA Ag Ionnsachadh agus a' Teagasg (Na h-Ealain Ghàidhlig)

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar
Dè cho fada: Trì bliadhna, pàirt-ùine
Còd: 0W0F
Neach-stiùiridh:


Mun a' Chùrsa

Tha Conservatoir Rìoghail na h-Alba, ann an com-pàirteachais le Sabhal Mòr Ostaig, a' tabhainn a' chùrsa for-cheum seo do luch-ealain a tha an sàs ann an cultar na Gàidhlig.

‘S e cleasaichean, luchd-ciùil, seinneadairean, luchd nan ealain fhinealta, luchd dràma, film is telebhisein, dealbhadairean, sgrìobhaichean agus stiùirichean aig a bheil Gàidhlig agus a tha airson an cuid sgilean foghlaim thar caochlach co-theacsa a neartachadh a tha fa-near sa phrògram seo. Tha cothrom an lùib a’ phrògraim airson barrachd eòlais fhaighinn air cultar na Gàidhlig, airson eòlas, sgilean is tuigse a leasachadh a leigeas leat foghlam èifeachdach a liubhairt is a sgrùdadh, agus airson pìos obrach a dhealbhadh is a chruthachadh a chuireas ri leasachadh do chuid eòlais ann am foghlam ealain na Gàidhlig.

Thèid am prògram a lìbhrigeadh air-loidhne, air sreath thursan deireadh-seachdain aghaidh-ri-aghaidh agus air greisean còmhnaidh goirid aig RCS agus aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Tha am prògram air a dhealbhadh gus an tèid agad air d’ obair phroifeiseanta a ghleidheadh agus gus an tèid cuid mhòr den ionnsachadh agad a dhèanamh ann an seagh obrach.

 

Cìsean is Maoineachadh

Tha am prògram seo air a làn-mhaoineachadh dha oileanaich a tha a' fuireach ann an Alba.

 

A' cur a-steach

Airson am barrachd fiosrachadh mun a' chùrsa no airson iarrtasa a' chuir a-steach, faodaidh sibh fios a chuir gu ceannard a' chùrsa, Jamie MacÀoidh aig j.mackay@rcs.ac.uk no le a bhith a' dol chun an làrach lìn aig an RCS aig https://www.rcs.ac.uk/postgraduate/ma-learning-teaching-gaelic-arts/.