Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam

Ceum:
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine
Dè cho fada: 4 bliadhna airson MA Hons
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

'S e com-pàirteachas sònraichte eadar Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a th' anns a' chùrsa MA agus MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam. Tha am prògram seo, a tha air a lìbhrigeadh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, a' toirt cothrom do dh'oileanaich barrantas le urram agus teisteanas teagaisg fhaotainn taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan ann an raon far a bheil gainnead sgilean. Tha an Cùrsa seo air a dhealbh airson an dà chuid teagasg
Àrd-sgoile, Gàidhlig mar chuspair, no teagasg Bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig.

Sùsbaint a' Chùrsa

Thathar a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir na comasan agad bidh thu a' leanntainn An Cùrsa Comais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.

Bidh oileanaich a' dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de Sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte (SGCC - cùrsaichean fo-cheum Gàidhlig OGE) agus an dèidh sin, airson bliadhna 3 agus 4, bidh iad a' leantainn prògram oideachaidh a' gabhail a-staigh measgachadh de chùrsaichean Foghlaim/Eòlais Proifeiseanta à Oilthigh Obar Dheathain agus modalan bho SGCC.

Bidh na modalan Foghlaim/Eòlais Proifeiseanta air an lìbhrigeadh air astar, le 18 seachdainean de ghreis sgoile thar bliadhnaichean 3 agus 4.

Inntrigeadh

Feumalachdan airson faighinn a-steach dhan chùrsa:

• Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg

• Dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a’ phrògraim

• Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Ghàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre aon de na prògraman ceuma.

Airson àite air bliadhna 3 agus 4, feumar Àrd Ìre Beurla aig B no nas fheàrr, no teisteanas co-ionnan, airson gach cuid Àrd-sgoil agus Bun-sgoil. Airson teagasg Bun-sgoil tha feum air Matamataic aig Ìre Choitcheann (Sàr-Ìre) no Eadar-mheadhanach 2. A bharrachd, tha feum air faighinn gu soirbheachail tro agallamh.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/iarrtas/cisean/

A' cur a-steach

Airson a chùrsa seo, feumar iarrtas a chuir a-steach airson cùrsa an t-Sabhail airson a chiad dà bhliadhna.  Cha bhithear a cuir iarrtas dìreach dhan chùrsa MA Gàidhlig le Foghlam, bidh seo a'  tachairt as deidh an dàrna bhliadhna air cùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig.

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. '€˜S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn,  a  lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de  fhoirm iarrtais OGE oileanaich eadar-nàiseanta fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.


Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk