MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam
Ceum:
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine
Dè cho fada: 4 bliadhna airson MA Hons
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
'S e com-pàirteachas sònraichte eadar Oilthigh Obar Dheathain agus Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna a th' anns a' chùrsa MA agus MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam. Tha am prògram seo, a tha air a lìbhrigeadh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, a' toirt cothrom do dh'oileanaich barrantas le urram agus teisteanas teagaisg fhaotainn taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan ann an raon far a bheil gainnead sgilean. Tha an Cùrsa seo air a dhealbh airson an dà chuid teagasg
Àrd-sgoile, Gàidhlig mar chuspair, no teagasg Bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig.
Sùsbaint a' Chùrsa
Thathar a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir na comasan agad bidh thu a' leanntainn An Cùrsa Comais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.
Bidh oileanaich a' dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de Sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte (SGCC - cùrsaichean fo-cheum Gàidhlig OGE) agus an dèidh sin, airson bliadhna 3 agus 4, bidh iad a' leantainn prògram oideachaidh a' gabhail a-staigh measgachadh de chùrsaichean Foghlaim/Eòlais Proifeiseanta à Oilthigh Obar Dheathain agus modalan bho SGCC.
Bidh na modalan Foghlaim/Eòlais Proifeiseanta air an lìbhrigeadh air astar, le 18 seachdainean de ghreis sgoile thar bliadhnaichean 3 agus 4.
Inntrigeadh
Feumalachdan airson faighinn a-steach dhan chùrsa:
• Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg
• Dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a’ phrògraim
• Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan
Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Ghàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre aon de na prògraman ceuma.
Bliadhna 1 agus 2. Airson àite air bliadhna 3 agus 4, feumar Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr, no teisteanas co-ionnan, airson gach cuid Àrd-sgoil agus Bun-sgoil, agus teisteanas ann am Matamataic aig an Ìre Choitchinn aig Sàr Ìre (1/2) no Eadar-mheadhan 2. A bharrachd, tha feum air faighinn gu soirbheachail tro agallamh.
Cìsean is Maoineachadh
Thèid cìsean a' chùrsa agad a mheas a rèir diofar shuidheachaidhean, a leithid, cò às a tha thu, càite bheil thu a' fuireach agus dè an cùrsa a tha thu ag iarraidh.
Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san Aonadh Eòrpach,
Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:
|
Ceuman (MA Urram) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,820 |
|
Teisteanasan HN (Cert HE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,285 |
Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.
Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.
Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:
£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)
Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.
'S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
Oileanaich eadar-nàiseanta
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:
|
Ceuman (3 no 4 bliadhna) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas) |
£8,000 |
|
Teisteanasan HN (CertHE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£6,000 |
Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.
Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.
A' cur a-steach
Airson a chùrsa seo, feumar iarrtas a chuir a-steach airson cùrsa an t-Sabhail airson a chiad dà bhliadhna. Cha bhithear a cuir iarrtas dìreach dhan chùrsa MA Gàidhlig le Foghlam, bidh seo a' tachairt as deidh an dàrna bhliadhna air cùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig.
Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.
Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Fios mu iarrtasan:
Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888304
Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk