MRanns ann an Gàidhlig is Ceiltis
Ceum: LDL, Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Làn-ùine, Aig a' Cholaiste, Pàirt-ùine
Dè cho fada: Làn-ùine thar bliadhna, no pàirt-ùine thar dà bhliadhna
Neach-stiùiridh:
Abigail Burnyeat
Mun a' Chùrsa
Tha an MRanns ann an Gàidhlig is Ceiltis a’ tabhann dha oileanaich bonn-stèidh proifeiseanta ann an Sgrùdaidhean na Gàidhlig agus na Ceiltis, a’ toirt cothrom dhaibh na h-ùidhean sgoileireil aca a leantainn, agus an cuid sgilean ann an sgrìobhadh acadaimigeach foirmeil, ann an anailis, agus ann an conaltradh a thoirt air adhart tro mheadhan na Gàidhlig.
Bidh oileanaich air an MRanns ag obair gu dlùth leis na stiùirichean acadaimigeach aca air pròiseact-rannsachaidh fad bliadhna a dhealbhas iad còmhla. Gheibhear stiùireadh anns na raointean a leanas:
- Fonn-eòlas Eachdraidheil (An t-Oll. Richard Cox)
- Sgrùdaidhean Dhualchainntean (Mark Wringe)
- Ainm-eòlas (An t-Oll. Richard Cox)
- Litreachas na Gàidhlig bho na Meadhan Aoisean chun an Latha An-Diugh (An t-Oll. Meg Bateman, Abigail Burnyeat, Iain Mac a’ Phearsain, An t-Oll Máire Ní Annracháin)
- Beul-aithris agus Eitneòlas (An t-Oll. Ùisdean Cheape, Dr Decker Forrest, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart)
- Eachdraidh na Gàidhealtachd, tràth-nuadh-aimsireil agus nuadh-aimsireil (Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart)
- Cultar Dùthchasach (An t-Oll. Ùisdean Cheape, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, An t-Oll. Meg Bateman)
- Sòisio-chànanachas (Dr Tim Armstrong, Dr Marsaili NicLeòid)
- Ceòl-eòlas (Dr Iain Mac a' Sporain, Dr Decker Forrest, An t-Oll. Ùisdean Cheape)
- Eaconamaidh Dùthchail (Gabhainn Mac a’ Phearsain).
Gheibh oileanaich trèanadh ann an sgilean-rannsachaidh agus sgilean-sgrìobhaidh Gàidhlig acadaimigeach, cho math ri stiùireadh sònraichte a-rèir an raoin-eòlais a thagh iad.
Ann an cruinneachaidhean Leabharlann an t-Sabhail Mhòir tha farsaingeachd de ghoireasan sgoileireil ri faighinn. Anns na Cruinneachaidhean Sònraichte againn tha cruinneachaidhean barraichte de sheann leabhraichean Gàidhlig clò-bhuailte bhon t-seachdamh linn deug air adhart, cho math ri cruinneachaidhean cudromach de dh’àrsaidheachd agus de làmh-sgrìobhainnean a’ gabhail a-steach Gàidhlig, Eòlas na Ceiltis, beul-aithris, cultar dùthchasach, eachdraidh na Gàidhealtachd, leasachadh na Gàidhlig, agus eachdraidh pìobaireachd. Tha sinn a’ cur fàilte bhlàth gu sònraichte air oileanaich a tha a’ miannachadh feum a dhèanamh de stuth bho na cruinneachaidhean againn nan cuid rannsachaidh.
Faodar an MRanns a sgrùdadh làn-ùine thar aon bhliadhna, no pàirt-ùine thar na dhà. Dh’fhaodadh oileanaich a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig air neo ann an àiteigin eile (le dùil gum biodh cothroman aca tadhal air an t-Sabhal Mhòr gu cunbhalach, agus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan-rannsachaidh freagarrach).
Freagarrachd
Gheibhear fiosrachadh mu na feumalachdan-inntrigidh an seo: https://www.uhi.ac.uk/en/research-enterprise/grad-school/how-to-apply/
Pròiseas-tagraidh
Cuiridh oileanaich a tha a’ sireadh àite aig an t-Sabhal a-steach CV agus tagradh-pròiseict tùsail anns am bi tuairisgeul mun chuspair-rannsachaidh a tha fainear dhaibh. Thathas a’ moladh gu mòr fios a chur thugainn mus tòisich iad air an tagradh aca, ach am faod iad bruidhinn mun phròiseact ri luchd-stiùiridh a’ chuspair.
Aon uair ’s gu bheil SMO riaraichte leis an tagradh-pròiseict, cuiridh an neach-tagraidh a-steach, le taic a’ phrìomh-stiùiriche a chaidh ainmeachadh airson a’ phròiseict aca, tagradh foirmeil airson clàradh mar iar-cheumnach tro Sgoil Iar-cheumnach OGE.
Gheibhear fiosrachadh mu chìsean agus mu phròiseas-tagraidh OGE aig https://www.uhi.ac.uk/en/studying-at-uhi/first-steps/how-much-will-it-cost/research-postgraduate-tuition-fees/
Airson barrachd fiosrachaidh, faodar fios a chur gu Abigail Burnyeat: ab2.smo@uhi.ac.uk