MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd
Ceum:
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Dè cho fada: 1 bliadhna airson PgCert, 2 bliadhna airson PgDip agus 3 bliadhna airson for-cheum MSc
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Còrdaidh an cùrsa inntinneach seo ri luchd-ceumnachaidh, luchd na Gàidhlig agus luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann am beatha na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bheir an cùrsa cothrom dhut tuigse fhaighinn air eachdraidh shòisealta, dòighean-beatha agus cleachdaidhean na Gàidhealtachd is nan Eilean tron chultar dhùthchasach aca. Thèid sgrùdadh a dhèanamh air beachdan ùra a thaobh cleachdadh an fhearainn, ghlèidhteachais agus leasachadh seasmhach.
Tha an cùrsa pàirt-thìde seo ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig le oileanaich a' dèanamh dà mhodal gach seamastar thairis air trì bliadhna.
Sùsbaint a' Chùrsa
Chaidh an MSc ann an Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd a dhealbh ann an trì earrannan. Bidh e cuideachd comasach do dh' oileanaich Teisteanas For-cheum agus Dioplòma For-cheum fhaighinn. Airson a bhith airidh air an duais Masters, feumaidh na h-oileanaich crìoch shoirbheachail a chur air an tràchdais for-cheum a sheasas mar 4 modalan.
Tha am modal 'Cultar Dùthchasach: Dòighean Rannsachaidh' riatanach mar ullachadh airson an tràchdais.
Tha na modalan a leanas sa chiad bhliadhna:
Cultar Dùthchasach is Tìr-mòr na Roinn Eòrpa
Cultar Dùthchasach; Dòighean rannsachaidh
Bailtean is Iomairean
Gheibh thu na modalan seo air an dàrna bliadhna:
Thar nan linn
Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
Ceistean Mòra an Latha an-diugh
Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
Imrich is Buaidh Beatha
Air an treas bliadhna bidh agad ri tràchdas ceuma a dhèanamh.
Inntrigeadh
Tha comas conaltraidh ann an Gàidhlig riatanach agus tha aig tagraichean ri agallamh a dhèanamh airson an ìre cànain a dhearbhadh. Tha cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig airson oileanaich gus an ruig iad ìre iomchaidh fileantachd m.e. An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais.
Bu chòir ceum le urram a bhith aig tagraichean aig ìre 2:2 no nas àirde ann an cuspair iomchaidh, mar Ghàidhlig 's cuspairean co-cheangailte, Ceiltis no Beul-aithris. Bheirear sùil air cuspairean iomchaidh eile mar eachdraidh, cruinn-eòlas mac an duine, agus na saidheansan sòisealta, cho fada 's a tha comasan Gàidhlig cuideachd aig tagraichean .
Bidh fàilte ro thagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh cuideachd.
Cìsean is Maoineachadh
| Oileanaich Alba is EU | |
| Gach modal | £480 |
| Teisteanas for-cheum (PgCert) | £1,440 |
| Dioplòma for-cheum (PgDip) | £2,800 |
| MSc (6 modalan agus trachdas) | £4,320 |
| Oileanaich RA | |
| Gach modal | £600 |
| Teisteanas for-cheum (PgCert) | £1,800 |
| Dioplòma for-cheum (PgDip) | £3,600 |
| MSc (6 modalan agus trachdas) | £5,400 |
| Oileanaich Eadar-nàiseanta | |
| Gach moadal | £720 |
| Teisteanas for-cheum (PgCert) | £2,160 |
| Dioplòma for-cheum (PgDip) | £4,320 |
| MSc (6 modalan agus treachdais) | £6,480 |
A' cur a-steach
Bu chòir do thagraichean fios a chur dìreach don Cholaiste agus gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu chur a-steach iarrtas don chùrsa bhon Oifis Inntrigidh air 01471 88404 no post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk