Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Preantasachd Tòiseachaidh: Na Meadhanan Cruthachail is Didseatach

Colaiste agus sgoil

Tha an cùrsa Preantasachd Tòiseachaidh air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan a tha sa chòigeamh agus san t-siathamh bliadhna anns an àrd-sgoil. Faodaidh tu a dhèanamh thairis air dà bhliadhna a’ tòiseachadh ann an S5 no thairis aon bhliadhna ann an S6.

Bidh clasaichean colaiste a rèir clàr-ama na sgoile agus bidh thu a’ cur ùine seachad gach seachdain ag ionnsachadh ann an clas le sgoilearan eile. Bidh neach-teagaisg Shabhal Mòr Ostaig gad stiùireadh le obair a’ chùrsa agus bidh thu a’ cur feum air goireasan ionnsachaidh air-loidhne.

 

Cuspairean bunasach

Is e cùrsa fìor inntinneach a th’ ann air am bi thu ag ionnsachadh mu chuspairean bunasach ceangailte ri bhith ag obair sna meadhanan. Togaidh tu eòlas air an obair phroifeiseanta agus air na tha an sàs bho latha gu latha ann a bhith ag obair anns na  Meadhanan Didseatach - mar a bhitheas tu ag innse stòiridh, a dèanamh conaltradh agus margaideachd tro dhiofar shianalan.

 

Ag obair le Gàidhlig

Tha greis-gnìomhachais aig cridhe a’ chùrsa agus seach gur ann tron a’ Ghàidhlig a thèid an cùrsa a lìbhrigeadh, cuiridh tu ùine seachad ann an ˆite-obrach far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Bidh thu a’ cur na dh’ionnsaich thu anns a’ chlas gu feum agus togaidh tu sgilean pragtaigeach a bhios nam buannachd dhut nad bheatha.

Bidh na h-uairean obrach a rèir an ann thairis air aon no dà bhliadhna a nì thu an cùrsa. Thèid a’ ghreis-gnìomhachais a chur air dòigh eadar thu fhèin, an sgoil, a’ cholaiste agus an t-ˆite-obrach.


Deiseil airson tòiseachadh….?

Mus tòisich thu air a’ chùrsa Preantasachd Tòiseachaidh bidh sinn a’ sùileachadh ri na leanas:

  • Gum bi Beurla agus Gàidhlig Nàiseanta 5 agad (mura bheil, faodar agallamh a dhèanamh)
  • Gum bi thu deiseil airson obair a dhèanamh aig an aon ìre ri Àrd-ìre na sgoile
  • Gum bi thu èasgaidh agus math air obair air do cheann fhèin
  • Gum bi thu deònach an cothrom a ghabhail Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile

 

Ceum slighe

Bidh iomadh cothrom romhad ma thig thu air a’ chùrsa Preantasachd Tòiseachaidh agus is e ceum aithnichte a th’ ann a dh’ionnsaigh obair agus foghlam àrd-ìre. Tha e na shàr eisimpleir do luchd-fastaidh agus do luchd-foghlaim gu bheil thu air a leithid a dhèanamh fhad is a tha thu fhathast san sgoil.

 

https://www.apprenticeships.scot/

 

https://www.apprenticeships.scot/

 

Airson am barrachd fios, cuireabh post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk no fòn 01471 888 304