Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

PGDE: Teisteanas Proifeasanta For-cheum ann am Foghlam

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 1 Bliadhana
Còd: X130
Neach-stiùiridh:


Mun a' Chùrsa

 

PGDE: Teisteanas Proifeasanta For-cheum ann am Foghlam
(Bun-sgoil – slighe Ghàidhlig)

Le foghlam Gàidhlig a’ sìor leudachadh, tha e cudromach gu bheil cothroman ann do dh’oileanaich a a dhol an sàs ann am prògraman teagaisg a bhios gan deasachadh airson dreuchd phroifeasanta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha SMO mar phàirt de lìonra OGE a bhios a’ tabhann PGDE (teisteanas teagaisg for-cheum 1 bhliadhna - làn-ùine) ann am foghlam bun-sgoile (slighe Ghàidhlig). Tha an cùrsa air a thabhann ann an grunn cholaistean air feadh lìonra OGE ach aig SMO, tha cothrom a bharrachd ann sgilean cànain a thoirt air adhart ann an àrainneachd bhrosnachail Ghàidhlig. A bharrachd air obair colaiste, bidh oileanaich a’ cur seachad 19 seachdainean ann an diofar bhun-sgoiltean a bhios a’ tabhann foghlam Gàidhlig tron bhliadhna gus na sgilean proifeasanta aca a leasachadh. Feumaidh ceum freagarrach agus teisteanas Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 (no a leithid) agus teisteanas Beurla aig Àrd-ìre (no a leithid) a bhith aig tagraichean.  Thèid measadh a dhèanamh air ìre Ghàidhlig thagraichean cuideachd.

Bidh oideachadh ann am Practas Proifeasanta ann am foghlam Gàidhlig air a lìbhrigeadh le oidean foghlam thidsearan SMO aig a bheil deagh eòlas air foghlam Gàidhlig.  Tha cothrom eile ann sgilean cànain a leasachadh ann an clas a bharrachd tron t-seachdain. Dh’fhaodadh taic-airgid a bharrachd a bhith ann do dh’oileanaich a tha airson a dhol an sàs ann am foghlam Gàidhlig.

Tha barrachd fios mu structar a’ chùrsa air làrach OGE:
https://www.uhi.ac.uk/en/courses/pgde-bun-sgoil-tro-mheadhan-na-gaidhlig/

Gheibhear fios a bharrachd mun t-slighe Ghàidhlig bho Shona NicCarmaig aig Sabhal Mòr Ostaig: snc.smo@uhi.ac.uk

 

PGDE: Teisteanas Proifeasanta For-cheum ann am Foghlam
(Àrd-sgoil ­– slighe Ghàidhlig)

Le foghlam Gàidhlig a’ sìor leudachadh, tha e cudromach gu bheil cothroman ann do dh’oileanaich a a dhol an sàs ann am prògraman teagaisg a bhios gan deasachadh airson dreuchd phroifeasanta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil. Tha SMO mar phàirt de lìonra OGE a bhios a’ tabhann PGDE (teisteanas teagaisg for-cheum 1 bhliadhna - làn-ùine) ann am foghlam àrd-sgoile (slighe Ghàidhlig). Tha an cùrsa air a thabhann ann an grunn cholaistean air feadh lìonra OGE ach aig SMO, tha cothrom a bharrachd ann sgilean cànain a thoirt air adhart ann an àrainneachd bhrosnachail Ghàidhlig. A bharrachd air obair colaiste, bidh oileanaich a’ cur seachad 19 seachdainean ann an diofar àrd-sgoiltean a bhios a’ tabhann foghlam Gàidhlig tron bhliadhna gus na sgilean proifeasanta aca a leasachadh. Feumaidh ceum freagarrach agus teisteanas Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 (no a leithid) agus teisteanas Beurla aig Àrd-ìre (no a leithid) a bhith aig tagraichean.  Thèid measadh a dhèanamh air ìre Ghàidhlig thagraichean cuideachd. A bharrachd air oileanaich aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig san àrd-sgoile, chuireamaid fàilte cuideachd air oileanaich aig a bheil ùidh ann an teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.

Bidh clasaichean ann am Practas Proifeasanta ann am foghlam Gàidhlig air an lìbhrigeadh le oidean foghlam thidsearan aig SMO aig a bheil deagh eòlas air foghlam Gàidhlig. Bidh oileanaich a tha an sàs ann teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd air an oideachadh sa chuspair anns
a’ chànan. Tha cothrom a bharrachd ann sgilean cànain a leasachadh ann an clas sònraichte gach seachdain sa cholaiste. Dh’fhaodadh taic-airgid a bharrachd a bhith ann do dh’oileanaich a tha airson a dhol an sàs ann am foghlam Gàidhlig.

Tha barrachd fios mu structar a’ chùrsa air làrach OGE:
https://www.uhi.ac.uk/en/courses/pgde-ard-sgoil-tro-mheadhan-na-gaidhlig/

Gheibhear fios a bharrachd mun t-slighe Ghàidhlig bho Shona NicCarmaig aig Sabhal Mòr Ostaig: snc.smo@uhi.ac.uk