Sgilean Sgrìobhaidh
Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh:
Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
'S e seo cùrsa air-loidhne le taic a bhios freagarrach do dhaoine a tha ag iarraidh an sgilean gràmair a leasachadh. Chaidh an cùrsa a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain na neach-naidheachd is craoladair ainmeil, agus air a chruthachadh le taic airgid bho Aonad Nàiseanta an Luchd-naidheachd (NUJ). Tha Sgilean Sgrìobhaidh freagarrach do bhuidhnean a tha ag amas air an cuid sgilean cànain a thoirt am feabhas airson na thèid iarraidh orra fo Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a riarachadh, no do dhaoine fa leth a tha ag iarraidh an cuid tuigse air gràmar is cleachdadh cànain a leasachadh. Bheir an cùrsa cothrom nas fheàrr obair fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig, far a bheil fèill air deagh sgilean sgrìobhaidh sa chànan.
Gheibh thu:
-
cothrom ionnsachaidh aig uair a tha freagarrach ort fhèin, nad dhachaigh fhèin, nad àite-obrach, no ann an Ionad Ionnsachaidh faisg ort
-
taic air-loidhne tro phuist-d aig amannan sònraichte, bho neach-oide aig a bheil eòlas air Gàidhlig a theagasg air astar
-
cothrom litreachadh ùr na Gàidhlig a dhaingneachadh
- cothrom riaghailtean gràmair ionnsachadh agus a dhaingneachadh
Sùsbaint a' Chùrsa
Tha an cùrsa ann an Gàidhlig gu lèir, le naoi modalan na bhroinn agus iad uile a' buntainn ri earrann eadar-dhealaichte de ghràmar. Aig gach ìre tha eacarsaichean ann a bheir deuchainn air tuigse an oileanaich air a' chuspair. Mairidh an cùrsa sia mìosan bhon àm a chlàraicheas tu.
Aig deireadh a' chùrsa, bidh cothrom agad deuchainn dheireannach a dhèanamh. Ma thèid leat le seo, (75% no nas àirde), gheibh thu teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig.
Modalan
Briathrachas Bunaiteach
Tha seo a' toirt bun-stèidh dhut. Feumaidh tu smachd a ghabhail air a' bhriathrachas mus tuig thu an còrr.
Ainmearan
A bheil dragh ort mu na tuisealan tabhartach is ginideach? Bheir am modal seo stiùireadh dhut.
Buadhairean
Mar a dh'atharraicheas ainmearan, 's ann a dh'atharraicheas buadhairean. Seo na riaghailtean.
Riochdairean roimhearach
Earrann bheag air rud nach fhaicear ann am Beurla.
Gnìomhairean
Taic le mar a chruthaichear is mar a chleachdar gnìomhairean.
Puingeachadh is Litreachadh
A bheil fios agad dè nì thu le asgairean is tàthanan? Tha taic làimh riut!
Àireamhan is Meudachd
Mar a dhèiligear ri àireamhan is meudachd air an duilleig.
Snas is Gnàthasan-cainnt
An tèid agad air Gàidhlig a sgrìobhadh, agus dreach Gàidhealach air?
Ceartaich na Mearachdan
Lìomh na sgilean ceartachaidh agad.
Inntrigeadh
Tha an cùrsa freagarrach do dhaoine air a bheil comas labhairt no leughaidh sa chànan mu thràth oir tha an cùrsa ann an Gàidhlig uile gu lèir. Feumaidh tu a bhith fileanta sa Ghàidhlig, eòlach air cleachdadh choimpiutairean agus le ceangal dhan eadar-lìn.
Cìsean is Maoineachadh
Tha an cùrsa a' cosg £175.
Bidh cothrom air cuid de dhaoine taic airgid fhaighinn bho Learndirect Scotland tron sgeama ILA (Individual Learning Account) aca. Fònaibh gu 0808 100 1090 no theid gu http://www.learndirectscotland.com/Help/Funding/ILA+Scotland. Mura h-eil sibh airidh air taic bho ILA tha bursaraidhean rim faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig"
A' cur a-steach
Cuiribh fòn gu: 01471 888 449
Cuiribh post-d gu: astar@smo.uhi.ac.uk
Foghlam Fad Beatha
Sabhal Mòr Ostaig
Sleat
Isle of Skye
IV44 8RQ