Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

SpeakGaelic

                                                      

 

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann cùrsa SpeakGaelic bhon t-Sultain 2021. Bidh clasaichean aghaidh-ri-aghaidh ann don choimhearsnachd cho math ri roghainn air-loidhne.

Thèid an cùrsa a theagasg an toiseach aig ìre A1 a-rèir sgèile CEFRL. Bidh tuilleadh chlasaichean ann aig ìrean A2, B1 is B2, anns am bi slighe le structar airson an cànan ionnsachadh agus goireasan ionnsachaidh iomlan.

Tha an cùrsa air a roinn ann an trì deug roinnean cuspaireil agus dà leasan 1.5 uair a dh’fhaid mu choinneimh gach cuspair. Bidh 13 prògraman telebhisein le BBC Alba ann cho math ri goireasan taic a leithid phod-chraolan.

Bidh làrach-lìn SpeakGaelic ann cuideachd airson fèin-ionnsachadh.

Cliog an seo ma tha thu ag iarraidh gun cùm sinn fios riut mun chùrsa – no cuir post-d thugainn aig speakgaelic@smo.uhi.ac.uk ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth. Tha sinn an seo airson taic a chumail riut air an t-slighe ionnsachaidh agad leis a’ chànan. Tha ceangal dhan Phoileasaidh Dhìomhaireachd againn an seo.

Tha SpeakGaelic air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus MG ALBA. ’S e com-pàirteachadh a th’ ann eadar Sabhal Mòr Ostaig (Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig), MG ALBA agus BBC ALBA.