Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Streap

Ceum: LDL, Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Mun a' Chùrsa

'S e prìomh amasan a' phrògraim seo piseach a thoirt air èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus misneachd a thogail airson teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig agus obair phroifeiseanta co-cheangailte ri sin a ghabhail os làimh.

Tha an cùrsa feagarrach do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig a bheil làn theisteanas mar neach-teagaisg tro mheadhan na Beurla no a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus aig a bheil ùidh ann an leasachadh proifeiseanta. Tha am prògram freagarrach do thidsearan bun-sgoile agus àrd-sgoile aig a bheil Làn-Chlàradh (SFR) agus a tha aig ìre sa Ghàidhlig 's gu bheil iad fileanta/litearra gu leòr airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha dà chùrsa sa phrògram:

  • Cùrsa 1 - Leasachadh Cànain airson Taic do Theagasg tro Mheadhan na Gàidhlig
  • Cùrsa 2 - Meòrachadh Breithneachail agus Faidhle Phroifeiseanta.

Chaidh Streap a stèidheachadh an toiseach ann an 2004 mar phrògram air-loidhne an dèidh mìosan de leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig a' co-obrachadh cuide ri Oilthigh Obar Dheathain. Tha am maoineachadh gu lèir airson a' phrògraim, agus cuideachd cosgaisean nan oileanach agus an luchd-obrach, a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Ann an 2006 chaidh Streap a dhaingneachadh le Oilthigh Obar Dheathain mar phrògram iar-cheumnach le luach 60 puing creideis, le 30 a' buntainn ri Cùrsa 1A agus 1B, agus 30 ri Cùrsa 2.

'S i Cairistiona Walker Comhairliche a' Phrògraim, agus 's i Anne Thirkell bho Oilthigh Obar Dheathain Stiùiriche a' Phrògraim. 'S i Alison Dix, Sabhal Mòr Ostaig, Co-òrdanaiche a' Phrògram. Tha riaghladh agus rianachd a' phrògram an urra ri Sabhal Mòr Ostaig, ach tha na h-oileanaich clàraichte ann an Oilthigh Obar Dheathain.

Bidh taoitear Gàidhlig ag obair còmhla ris gach buidheann de dh'oileanaich, agus bidh an taoitear a' toirt taic cànain seachad tro cho-labhairtean air a' fòn ann an Cùrsa 1A agus 1B gu h-àraidh. Bidh meantoran, a tha eòlach air teagasg tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile no àrd-sgoile, a' toirt seachad taic a bharrachd. Bidh luchd-obrach an Oilthigh, aig a bheil eòlas sònraichte air CPD do luchd-teagaisg, a' cumail taic ri Cùrsa 2.

Ma chlàras tu air Streap, bidh cothrom agad coinneachadh ri Sgioba a' Phrògram anns na seiseanan aghaidh ri aghaidh. Thèid do bhrosnachadh cuideachd gus ceangal a dhèanamh ri Caraidean Sgrùdaidh (Study Buddies) '€“ oileanaich eile a tha ag obair san aon raon riut fhèin.

Tha am prògram air a mheasadh gu mionaideach aig ìrean àraidh. Thathar a' cur luach mòr air beachdan nan oileanach. Bidh sgioba a' phrògraim a' cumail sùil air cùisean agus a' leasachadh a' phrògraim agus an lìbhrigidh far a bheil sin iomchaidh.

Sùsbaint a' Chùrsa

 

Cùrsa 1A

Tha a' chuid seo dhen phrògram a' còmhdach comasan Gàidhlig co-cheangailte ri teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e ag amas air do sgilean gràmair is litreachaidh ùrachadh agus eòlas a thoirt dhut air an stiùireadh a thaobh nan riaghailtean litreachaidh ùra. Cho math ri bhith ag obair tro na goireasan air-loidhne, gheibh thu taic chunbhalach bho thaoitear a tha fìor eòlach air teagasg, agus a tha fìor eòlach air taic a thoirt seachad ann an ionnsachadh air-loidhne.

Anns a' chùrsa seo, bidh thu cuideachd a' dèanamh rannsachadh air buannachdan dà-chànanais, agus a' dèanamh taisbeanadh air cuid dhen rannsachadh sin.
 

 

Cùrsa 1B:

Tha a' chuid seo dhen phrògram a' bualadh air misneachd a thoirt dhut gu bhith a' cleachdadh na Gàidhlig sa chlasrum, agus airson obair phroifeiseanta co-cheangailte ris, taobh a-staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tha e a' toirt cothrom dhut stuthan ullachadh a bhuineas do theagasg agus do rianachd; agus cuideachd airson meòrachadh breithneachail a dhèanamh air a' mhodh-obrach agad agus air leasachadh proifeiseanta ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

 Cumaidh an taoitear cànain taic dhut sa phàirt seo dhen phrògram, ach gheibh thu cuideachd comhairle bho mheantoran a tha eòlach air bun-sgoil agus àrd-sgoil.
 

 

Cùrsa 2

Bidh an cùrsa seo a' gabhail a-steach fèin-mheasadh breithneachail agus anailis, agus lèirmheas air ionnsachadh is sgilean ùra a chaidh a leasachadh. Feumaidh tu meòrachadh breithneachail a dhèanamh air na dh'fhiosraich thu agus air an adhartas a rinn thu ann an comas tro mheadhan na Gàidhlig a mheasadh.

Inntrigeadh

Bu chòir na leanas a bhith aig tagraichean:

  •     Deagh sgilean labhairt is sgrìobhaidh sa Ghàidhlig
  •     Làn chlàradh aig GTCS no airidh air làn chlàradh
  •     ٙidh ann an tuilleadh adhartais dreuchdail ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig

Ann an Cùrsa 1A, bidh an taoitear cànain a' toirt fiosrachadh leantainneach air ais dhan oileanach air èisteachd, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Ann an Cùrsa 1B gheibhear fiosrachadh air ais air iomadh pìos obrach a dhaingnicheas sgilean proifeiseanta airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

 

Tagraichean

Bidh tagraichean a tha a' coinneachadh nan iarrtasan gu h-àrd a' gabhail pàirt ann am pròiseas taghaidh le na ceithir sgilean cànain sa Ghàidhlig na lùib. Dh'fhaodadh gum biodh pàirt dhen seo ga dhèanamh air a' fòn.

Cìsean is Maoineachadh

Tha am prògram air a mhaoineachadh gu lèir le Riaghaltas na h-Alba. Ma thèid gabhail riut mar oileanach, thèid cosgaisean tidsear-ionaid agus cosgaisean iomchaidh eile a phàigheadh dhan sgoil agad no dhan ùghdarras ionadail.

Slighean Adhartais

Ma shoirbhicheas leat san dà chùrsa, gheibh thu Teisteanas PGT fiach 60 puing creideis taobh a-staigh Prògram Sgrùdadh Proifeiseanta Adhartach PGT bho Oilthigh Obar Dheathain.

À€s dèidh dhut crìoch a chur air an Teisteanas seo dh'fhaodadh tu, nan togradh tu, leantainn ort sa Phrògram APS a' gabhail chùrsaichean eile a leigeadh leat cur ris an Teisteanas agus Dioplòma PGT fhaotainn (120 creideas) no duais Maighstir ann am Foghlam (180 creideas).

An dèidh crìoch a chur air Teisteanas PGT agus am modh-obrach clasrum a leanas, dh'fhaodadh gum biodh ùidh agad ann a bhith a' sireadh aithne phroifeiseanta airson na h-obrach agad ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an t-Iùl airson Aithne Phroifeiseanta GTCS ag innse mar a dh'fhaodas tu bualadh air raointean sa bheil ùidh shònraichte agad agus aithne phroifeasanta fhaotainn gus d' eòlas is d' fhiosrachadh a leudachadh agus a sgaoileadh.

Mura crìochnaich thu Cùrsa 2 den phrògram, faodaidh tu teisteanas fiach 30 puing creideis ann an Teisteanas PGT fhaighinn airson Cùrsa 1.

A' cur a-steach

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fòn gu Rùnaire a' Chùrsa air 01471 888 247

Air neo lìon am foirm air-loidhne air làrach-lìn Streap:  http://www.streap.smo.uhi.ac.uk/gd/contact_us.php.

 

Clàran-ama

Clàr-ama 2012/2013 (ri dhaingneachadh)
 

  •     Agallamhan: An t-Ògmhios 2012
     
  •     Inntrigeadh a' Phrògraim: 30 An t-Sultain gu 2 An Dàmhair 2012 (àite ri dhaingneachadh)
     
  •     Cùrsa 1A: 3 An Dàmhair 2012 gu 25 Am Faoilleach 2013
     
  •     Aghaidh ri aghaidh (deireadh 1A): 21-22 An Gearran 2013 (àite ri dhaingneachadh)
     
  •     Cùrsa 1B: 25 An Gearran gu 7 An t-Ògmhios 2013
     
  •     Aghaidh ri aghaidh (deireadh 1B): 20-21 An t-Ògmhios 2013 (àite ri dhaingneachadh)
     
  •     Cùrsa 2: Ceann-latha tòiseachaidh sùbailte