Ealain is Cultar
Tha e mar phrìomh rùn do Shabhal Mòr Ostaig cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha cultar is na h-ealain a' nochdadh gu làidir anns na cùrsaichean gu lèir agus tha cothrom air leth aig oileanaich agus luchd-obrach na Colaiste air sàr ghoireasan cruthachail leithid stiùideo clàraidh agus goireasan ùra ioma-mheadhan a chleachdadh.
Tha prògram nan Cùrsaichean Goirid aig a' Cholaiste a' tairgsinn farsaingeachd de chùrsaichean ann an cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig agus tha fìor dheagh sheinneadairean agus luchd-ciùil ainmeil air an tàladh don Cholaiste airson teagasg air a' chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.
Tha prògram do Luchd-ealain air Mhuinntireas aig a' Cholaiste a tha ga ruith le taic bho Alba Chruthachail agus tha Ceòladair, Sgrìobhaiche, Neach-dràma, agus Neach-ealain Lèirsinneachd uile stèidhichte aig a' Cholaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd ag obair gu dlùth ris a' bhuidheann ealain, Seall, agus Club Film na sgìre.