Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Luchd-ealain air mhuinntireas

Tha prògram Neach-ealain air Mhuinntireas air a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig le taic bho Alba Chruthachail agus Acadamaidh Rìoghail na h-Alba airson nan Ealain (RSA) ann an Dùn Èideann, a tha a' tarraing ri chèile na h-ealain lèirsinneach, ceòl, dràma agus litreachas is a' tabhann cothrom a bhith a' co-obrachadh gu cruthachail.

Tha freumhan a' phrògraim a' dol air ais gu làithean tràth an t-Sabhail Mhòir nuair a chuir Urrasairean na Colaiste prògram Sgrìobhaiche air Mhuinntireas air dòigh mar chomharrachadh air cho cudromach is a bha na h-ealain, nam beachdsan, ann a bhith ag ath-bheòthachadh is ag ùrachadh a' chànain is a' chultair.

Bhon uair sin, tha mòran de shàr sgrìobhadairean na Gàidhlig air na sgilean ac' a chur gu feum air a' phrògram chudromach seo, gu sònraichte am bàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain, a thug buaidh air sgrìobhadairean, bàird is luchd-ealain air feadh an t-saoghail a thàinig às a dhèidh, nam measg an sgrìobhadair cliùiteach Èireannach Seumas Heaney, a bhuannaich Duais Nobel, is a ghabh pàirt ann an tachartas sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig nuair a thadhail e air Hallaig, Eilean Ratharsair, a bha na chuspair do dh'aon de dhàin mhòra MhicGill-Eain.

Tha grunn bhàrd is sgrìobhaichean Gàidhlig eile air a bhith nan Sgrìobhaichean aig a' Cholaiste, nam measg Aonghas MacNeacail, Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Alasdair a' Bhocsair, a chuir gu mòr ri litreachas na h-Alba.

Bho chionn beagan bhliadhnaichean chaidh dreuchd Ceòladair na Colaiste a chruthachadh, is am pìobaire ainmeil Iain Dòmhnallach, Gleann Ùige, air fhastadh. Bho chionn glè ghoirid, dh'aontaich Comhairle nan Ealain Alba taic a chur ri dreuchd Neach-ealain Lèirsinne na Colaiste, a' neartachadh Prògram Luchd-ealain na Colaiste. Chaidh dreuchd Neach-ealain Dràma a stèidheachadh ann an 2011.

An-dràsta, 's e Coinneach Lindsay a tha na Sgrìobhaiche, Blair Dùghlas a tha na Cheòladair, Dr Kirsten Norroe & Murray Robasdan a tha nan Luchd-ealain Lèirsinne, agus Artair Dòmhnallach an Neach-ealain Dràma na Colaiste.

 --}