Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Ceòl is Seinn

Màiri Anna NicUalraig, Ceòladair air Mhuinntearas

Tha Màiri Anna NicUalraig, ‘Scotland’s First Lady of World Music’, air bhith bogte ann an ceòl fad a beatha. Tha èisteachd ri còmhlan-ciùil a màthar san t-seòmar-suidhe aice air cuid de na cuimhneachain as tràithe a th’ aice bho h-òige, agus bha òrain Gàidhlig mun cuairt oirre anns na coimhearsnachdan dlùth Gàidhealach ann an Glaschu sna 70an. Buinidh i do ghinealaichean òga Caimbeulaich a’ Ghrìob san Eilean Sgitheanach, a tha air fear de na teaghlaichean as cliùitiche a th’ ann a tha freumhaichte ann an òrain nan Gàidheal. Rinn i trèanadh cuideachd mar neach-ciùil clasaigeach, agus bha i am measg nan ciad sgoilearan aig a’ chiad sgoil shònraichte san Rìoghachd Aonaichte a chaidh maoineachadh leis an riaghaltas.

Bha Màiri Anna na h-oileanach aig RSAMD an Glaschu agus Royal Northern College of Music ann am Manchester, agus is i a’ chiad chlàrsair a-riamh a choisinn an duais as àirde aig a’ cholaiste. Tha i air dà bhonn òr a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, agus air duais a ghleidheadh dà thuras aig Concours International de la Harpe Celtique ann an Lorient, san Fhraing. Choisinn i Duais Saltire airson na h-obrach ionmholta a rinn i air ceòl còisir na Gàidhlig, ‘Lasair Dhè’, agus tha i fhathast ag obair cuide ris a’ chòisir chliùitich, Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis.

Chuir Màiri Anna grunn bhliadhnachan seachad ag obair do sheirbheis naidheachdan Gàidhlig a’ BhBC, agus an uair sin os a chionn, mus do dh’fhàg i airson barrachd ùine a chosg air a cuid ciùil. Tha an dà rud gràdhach seo - ceòl is craoladh - fillte san dreuchd aice, agus tha meas mòr oirre mar neach-ciùil is neach-aithris air ceòl na h-Alba, is i a’ brosnachadh tàlant ùr na h-Alba am measg muinntir a’ chiùil thraidiseanta air feadh an t-saoghail. Chaidh a cliù mar neach-aithris ceòl an t-saoghail/traidiseanta air radio is telebhisean aithneachadh ann an 2007 nuair a chaidh a h-ainmeachadh mar ‘Neach-aithris Rèidio na Bliadhna’ aig cuirm eadar-nàiseanta Duaisean nam Meadhanan Ceilteach.

Tha fèill mhòr air Màiri Anna mar riochdaire ciùil cuideachd - b’ i fhèin a thug sreath chliùiteach a’ BhBC air òrain Gàidhlig, ‘Aig Cridhe ar Ciùil’, gu buil, agus tha i air clàran airson iomadh seinneadair is ceòladair a stiùireadh. Tha an obair aice stèidhichte aig Watercolour Music anns na Garbh Chrìochan, an stiùideo clàraidh is tèarmann cruthachail a stèidhich i fhèin is an duine aice, Nick Turner. Tha an seinneadair-sgrìobhadair nuadh-thraidiseanta à Muile, Alasdair MacGilleDhuinn, am measg nam pròiseactan air a bheil iad ag obair an-dràsta. 

Bha Màiri Anna na ball den chòmhlan chliùiteach ‘Cliar’, a choisinn duais Clàr As Fheàrr ‘a bh’ ann a-riamh’ aig a’ chiad chuirm de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Tha an obair aice an-dràsta stèidhichte air a’ phròiseact ‘Fonn, às an tig leabhar agus clàr, a bhios a’ taisbeanadh ceòl is eachdraidh teaghlach ceòlmhor a màthar, Caimbeulaich a’ Ghrìob.

www.maryannkennedy.co.uk/