Dràma
Artair Dòmhnallach, Neach-ealain Dràma air Mhuinntireas
Chaidh Artair Donald a thogail ann an Tiriodh. Thòisich e dol gu buidheann drama 'Actors lab' ann an Glaschu, far an d' fhuair e cothrom a dhol air stèids aig Mayfest agus Fèis Dhùn Èideann thairis air trì bliadhna.Tha e air a bhith a' cleasachd air stèids, rèidio agus telebhisean thairis air fichead bliadhna. Chuir Artair seachad dà bhliadhna a' trèanadh ann an New York aig Lee Strasberg Theatre Institute.
Tha daoine eòlach air bho phrògraman TBh a leithid 'Machair' agus o chionn ghoirid bha e ri fhaicinn ann an 'Eilbheas' agus 'Rab C. Nesbitt'.
An-dràsta tha Artair air an àrd-ùrlar le dealbhan-cluiche ùra airson bhùn-sgoiltean agus tha an obair aige mar Neach-ealain Dràma a' còrdadh ris gu mòr.
